An duine a bhàsaich ann an tubaist air an A9 air ainmeachadh
- Air fhoillseachadh

Bha Mgr McCourt na thidsear roimhe aig Acadamaidh Alanais.
Tha teaghlach Bernard McCourt, 63, air luaidh a dhèanamh air mar athair, seanair agus sinn-seanair gràdhach.
Bha Mgr McCourt, a bhuineadh do dh'Alanais agus a bha na thidsear ann airson ùine mhòr aig àrd-sgoil a'bhaile, air cùl cuibhle Fiat Bravo nuair a bhuail an càr agus làraidh bathair na chèile goirid an dèidh 08:00m Diciadain.
Thachair e faisg air Alanais, faisg air ceann-rathaid Mhaoil nam Fuath leis an A9.
Tha na poilis airson bruidhinn ri daoine a chunnaic an tubaist.
Cha deach dràibhear na làraidh a ghoirteachadh gu dona agus fhuair e cùram meidigeach aig an làraich.
Moit mhòr
Thuirt teaghlach Mgr McCourt: "Bha mòran eòlach air sa coimhearsnachd leis gu robh e a' teagasg aig Acadamaidh Alanais airson grunn bhliadhnaichean, agus bha e na adhbhar moit dha gun do dh'fhoghlaim e na tha sin de chloinn ann an teicneòlas, matamataig agus compiutaireachd.
"Tha sinn airson taing a thoirt dhan a h-uile duine a chuir teachdaireachd thugainn, tha na facail choibhneil agaibh cho cudromach dhuinn.
"Tha an teaghlach againn fo bhròin mhòir air sgàth a' bhàis obann seo."
Thuirt an Sairdeant Alasdair MacAoidh: "Tha ar co-fhaireachdain le càirdean agus caraidean an duine.
"'S ann aig ìre gu math tràth a tha an sgrùdadh againn.
"Bu mhath leam gun tigeadh daoine a chunnaic na thachair agus aig a dh'fhaodadh dealbhan dashcam a bhith a bhruidhinn rinn cho luath 's a ghabhas,."