Fearg mu stèiseanan poilis an Earra-Ghàidheal
- Air fhoillseachadh

Tha Caidreachas Poilis na h-Alba (SPF) ag ràdh gu bheil staid uabhasach dà stèisean ann an Earra-Ghàidheal a' fàgail gum bu chòir an dùnadh sa bhad.
Tha seo a' tighinn às dèidh dhan SPF sgrùdadh a dhèanamh air stèiseanan san sgìre.
Thuirt iad gu bheil radain ma sgaoil ann an stèisean Cheann Loch Gilb is nach eil oifigearan 'son a bhith ag ithe is ag òl san stèisean.
Fhuair iad dampachd ann is tuill anns na ballachan.
Rùileach
Dh'innis luchd-obrach gun robh iad air a bhith a' rùileach ann an sgiopaiochean airson àrnais fhaighinn dhan stèisean.
Fhuaireadh lorg air dampachd ann an stèisean an Òbain cuideachd is oifigearan a' feuchainn ri tuill a lìonadh le pàipear airson am falach.
Chaidh draghan a nochdadh mu staid àiteachan-fuirich do dh'oifigearan san Òban, Dùn Omhain is Ceann Loch Chille Chiarain, is balgain-bhuachair a' fàs air searadairean, am measg rudan eile.
Calum Steele a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
"Thug sinne oifigearan bho air feadh na dùthcha a dh'Earra-Ghàidheal", thuirt Runaire an SPF, Calum Steele.
"A h-uile duine a bha san Òban, bha iad ag ràdh gur e an stèisean as miosa anns an do sheas iad a-riamh agus 's e suidheachadh gu math truagh a tha sin".
Dh'innis Mgr Steele gun do dh'fheuch Ùghdarras nam Poileas ri dèiligeadh ri na radain ann an Ceann Loch Gilb ach gu bheil na beathaichean fhathast ann.
Thuirt e gum bu chòir dha na stèiseanan a bhith air an dùnadh sa bhad.
Roghainnean
Thuirt Leas Àrd Chonstabal Poileas Alba, Fiona Nic an Tàilleir, gun do thòisich obair sa bhad nuair a thog Caidreachas nam Poileas draghan.
Dh'innis i gun deach àiteachan-fuirich eile a chur air dòigh do chuid de dh'oifigearan an Dùn Omhain san eadar-ama, is gu bheilear a' coimhead air diofar roghainnean a thaobh stèisean an Òbain.
Thuirt i gu bheil cuid de stèiseanan gu math seann is gu bheil Poileas Alba ag aithneachadh nach eil iad a-nise aig ìre.
Gheall i gur e prìomhachas a th' ann am buidseat calpa a chur gu feum gus cùisean a leasachadh.