Dragh mu sgrùdadh còmhdhail
- Air fhoillseachadh

Tha dragh ann nach eil beachd an t-sluaigh air seirbheisean adhair ga shireadh mar phàirt de dh'ath-sgrùdadh Riaghaltas na h-Alba air còmhdhail sa cheann a tuath.
Chuir e iongnadh air buill bhòrd com-pàirteachais HiTrans gum biodh iad a' faighneachd dhan phoball dè am beachd air seirbheisean rathaid, rèile agus aiseagan a-mhàin ann an co-luadar poblach às t-samhradh.
Chaidh innse do dh'oifigich ann an Dùn Èideann gum feum iad barrachd cheistean a chur, a' toirt a-steach a h-uile dòigh còmhdhail.
Thuirt Ùisdean Robasdan, cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, a th' air bòrd com-pàirteachais HiTrans, gun deach innse dha na h-oifigich à Dùn Èideann gum feumadh iad an ath-sgrùdadh a leudachadh.
Bha e ag ràdh gun do chur a' bhuidheann gu math cruaidh riutha gu feum iad coimhead ri seirbheisean adhair air Ghàidhealtachd agus anns na h-eileanan ann an doimhneachd, agus gun robh e a' faireachdainn gun do dh'èist iad ris an iarrtas.