Staid Èiginn na Gnàth-Shìde

Ghairm Nicola Sturgeon staid èiginn na gnàth-shìde aig co-labhairt an SNP ann an Dùn Èideann Didòmhnaich.

Tha luchd-iomairt na h-àrainneachd air a bhith ag iarraidh a leithid bho cheannardan nàiseanta mar fhreagairt do bhlàthachadh na Cruinne.

Cuideachd na h-òraid dh'fhoillsich am Prìomh Mhinistear gnìomhan gus a dhèanamh nas fhasa do dhaoine a bhith a' faighinn dachaigh dhaibh fhèin.

Agus thuirt i gun robh an neo-eisimeileachd air fàire.

Tha am fear-naidheachd poileataigeach againn, Niall O'Gallagher, ag aithris.