Naidheachdan 11:00m
Tha seann chluicheadair Celtic, Stevie Chalmers, a fhuair an tadhal a bhuannaich Cupa na h-Eòrpa ann an naoi ceud deug trì fichead 's a seachd, air bàsachadh aois ceithir fichead 's a trì. Bha e mar phàirt de sgioba na Lisbon Lions a rinn a' chùis air Inter Milan, gam fàgail mar a' chiad sgioba Bhreatannach a thog Cupa na h-Eòrpa. Tha a bhàs a' tighinn seachdain às dèidh do sgiobair na sgioba sin, Billy McNèill, caochladh aig aois trì fichead bliadhna 's a naoi deug.
A rèir eòlaichean bu chòir deich billean not a chosg air lìonra còmhdhail Ghlaschu gus ceangal a dhèanamh às ùr le sgìrean a chaidh fhàgail air dheireadh. Tha am plana aig Coimisean Co-cheangalan Ghlaschu ag ràdh gum bu chòir an t-airgead a chosg thar fichead bliadhna agus siostam metro a thogail dhan bhaile gu lèir. Thuirt iad cuideachd gum bu chòir a' chiad cheangal a bhith dhan phort-adhair, tro Rinn Friù, Braehead agus Ospadal na Bànrigh Ealasaid.
Feuchaidh Prìomhaire na Spàinne, Pedro Sanchez, ri riaghaltas ùr a chruthachadh às deidh dhan phàrtaidh Sòisealach an àireamh as motha de sheataichean a bhuannachadh san taghadh choitcheann - ach cha d' fhuair iad mòr-chuid. Thathas den bheachd gun iarr e taic bho phàrtaidh Podemos na làimhe clì agus pàrtaidean beaga roinneal. Tha am pàrtaidh Vox, bhon fhìor làimh dheis, air faighinn dhan phàrlamaid son a' chiad uair le ceithir seat thar fhichead.
Tha na poilis a' rannsachadh ionnsaigh dhrabasda air nighean aois trì bliadhna deug ann an Lodainn an Iar. Thachair e ann am bùth Poundland ann an ionad mòr bhùithdean, The Centre, ann am Baile Dhùn Lèibhe feasgar Disathairne. Chaidh aithris gun tainig fireannach air cùlaibh an deugaire agus gun tug e ionnsaigh oirre mus do ruith e air falbh. Chaidh a ràdh gu bheil e geal, na dhà fhicheadan, timcheall air sia troighean a dh'áirde agus tana.
Tha Poileas Alba gu bhith ag amas gu sònraichte air daoine a tha a' dràibheadh gu mi-chùramach às dèidh do shia duine deug bàsachadh air rathaidean na dùthcha air a' mhìos-sa. Bidh an iomairt ag amas gu sònraichte air dràibhearan a tha a' dol ro luath, a thuilleadh air daoine a tha a' cleachdadh fònaichean làimhe aig a' chuibhle no air nach eil criosan sàbhalaidh.