Faobhar na Sgeine
- Air fhoillseachadh

Prìomh charactar an fhiolm, Adiits'ii, 's e a' tòiseachadh air a chiall a chall.
Air tràigh gheamhradail air oir a' ghiùthsaich, thig corp dheugaire gu tìr. Ruithidh màthair gu a mac mharbh, ga chumail na h-uchd, 's i a' caoineadh.
Aig a' cheart àm, teichidh fear òg, air a bheil Adiits'ii, às an làraich, a' ruith a-steach don choille, an cnead ann 's e a' gnùstaich. An dèidh dha am balach a thoirt a-mach ann am bàta air an tàinig droch mhuir, tha e a' faireachdainn gur esan a thug bàs dha.
'S e an èiginn teaghlaich seo a th' aig cridhe an fhiolm Chanadianaich, Faobhar na Sgeine, no Sg̱awaay Ḵ'uuna. 'S ann mu chuspairean coitcheann leithid teaghlach, gràdh, call agus trèigsinn, a tha an sgeulachd, 's e làn den os-nàdar.
Rud nach eil cho coitcheann, 's e cànan an fhiolm, Haida. A rèir Comhairle Chultair nan Ciad Daoine ann an Canada, chan eil ach 20 neach beò tuilleadh a tha fileanta sa chànan.
B' iad Helen Haig-Brown, agus Gwaai Edenshaw, a tha e fhèin na Haidach, a stiùir am fiolm.
"Cha robh sinn a' faireachdainn gur e roghainn a bh' ann a bhith a' sgrìobhadh an fhiolm ann an Haida," thuirt Gwaai. "B' e sgeulachd Haida a bha sinn ag innse."
Ged a b' e sgeulachd innse am prìomh adhbhar airson am fiolm seo a dhèanamh, b' e smuain eile gur e goireas ionnsachaidh a bhiodh ann.
'S i Diane Brown tè den fheadhainn mu dheireadh a bhruidhneas Haida on ghlùin, agus bha i na cleasaiche san fhiolm.

Diane Brown agus a h-ogha Xyaalaa Emma, a bha a' cleas Pàiste Iolaire anns an fhiolm
"B' e an aisling a bh' againn bho thùs gun cuidicheadh e a' chlann againn an cànan ionnsachadh. Gu bheil sinn gan cuideachadh," thuirt i.
Bidh coimhearsnachdan dùthchasach Haida a' fuireach ann an Haida Gwaii, sgìre de dh'eileanan 62 mìle far chosta an iar Chanada. 'S ann sa chruth-tìre lom, àlainn seo a tha Faobhar na Sgeine stèidhichte, ann am meadhan na 19mh Linne.
Anns an fhiolm, thig dà choimhearsnachd Haida còmhla a dh'ullachadh bìdh mu choinneimh a' Gheamhraidh. Tha pàtrain geomeatrach air an tatùthadh air am broillich, 's tha cleòcannan umpa air am fighe le duilleach nan craobhan a tha mun cuairt orra.
Sealladh tlàth de theaghlach aig nach eil foir gu bheil fulangas mòr an impis tighinn orra. Ghabh Breatainn thairis Haida Gwaii ann an 1853, a' cur an ainm Colonaidh Eileanan na Bàn-righinn Charlotte air an àite.
Tha mòran den bheachd gur ann a dh'aona-ghnothaich a sgaoil na h-Eòrpaich galairean leithid a' bhreac, le bhith a' toirt seachad do na Haidaich phlaideanan agus stocan a bh' air an gannrachadh - rud a dh'fhàg gun do thuit an àireamh aca bho timcheall air 10,000 gu dìreach 588.
Tha ro-shealladh den cheannsachadh bhrùideil seo san fhiolm, le turas Adiits'ii chun na coille, far an caill e a chiall, a' dol na Gaagiixid (am Fiadhachan) a' call a' chuid mothachaidh air cò a th' ann fhèin.
SGAAWAAY K'UUNA (EDGE OF THE KNIFE) Trailer - Canada's Top Ten 2019 - YouTube, taobh a-muigh
Cead do stuth YouTube?
Tha stuth Google YouTube an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Tron 20mh Linn, dh'èirich àireamh sluaigh nan Haidach mean air mhean, 's tha a-niste 3,442 duine ann. Cha b' e siud deireadh an sgeòil ge-tà, agus an cultar aca ga chur fo chois, gu h-àraid ann an sgoiltean-còmhnaidh, far an tugadh air cloinn dùthchasaich a bhith ag obair tron mhadainn air an fhearann, mus d' fhuair iad leasanan bunaiteach feasgar. Bha a bhith a' bruidhinn Haida air a thoirmeasg.
Thuirt Diane Brown gun do dh'innis na tidsearan do a pàrantan gun deadh iad a dh'Ifrinn nam bruidhinneadh iad "an cànan acasan". Chaidh cuid de chloinn a dhochann airson an cànan a bhruidhinn.
"B' e dòigh a bh' ann air feuchainn ri ar cur fo smachd," thuirt i. "Plana mòr gus ar sluigeadh gu h-iomlan."
Thuirt Gwaai gu bheil a' mhòr-chuid de na Haidaich fhathast "a' tuigsinn gu bheil an dùthaich aca fo smachd choigreach, gus tha e na adhbhar dòrainn dhaibh nach urrainn dhaibh an cànan fhèin a bhruidhinn san dùthaich aca fhèin.
Na Haidaich: Bun-fhiosrachadh
Tha Haida, no Xaad Kil / Zaaydaa Kil, ga bruidhinn air eileanan Haida Gwaii ann am British Columbia, far a bheil e air a bhith bho thàinig a' chiad sluagh ann an dèidh Linn na Deighe mu dheireadh, o chionn mun 11,000 bliadhna.
Tha trì prìomh dhualchaintean de Haida a tha gam bruidhinn, ann an Skidegate agus Massett ann an Canada, agus ann an Hydaburg ann an Alasga. Chan eil an cànan càirdeach do chànan sam bith eile a tha ga bruidhinn an-diugh.

Abairtean Haida
Siing.gaay 'laa - Là Math
Gassingu dang giidang? - Ciamar a tha sibh?
Asang dang hll ḵing gas ga - Chì mi a-rithist sibh
Gasanguu siingaay giidang? - Ciamar a tha an aimsir?
Gina 'waadlux̱an gud ad kwaagid - Crochaidh a h-uile rud air a h-uile rud eile (sean-fhacal ainmeil Haida)
A rèir Unesco, tha 70 cànan tùsanach ann an Canada. Tha Comhairle Chultair nan Ciad Daoine ag ràdh gur ann am British Columbia a tha cha mhòr an dàrna leth dhiubh sin, far a bheil sluagh tùsanach 172,520. Chan eil cànan tùsanach fileanta ach aig 3% de na daoine seo ge-tà.
A rèir aithisg a rinn an National Geographic Society agus Institiùd nan Teangannan Beò airson Chànanan an Cunnart, air feadh an t-saoghail, bàsaichidh cànan a h-uile cola-deug.
Ghairm na Dùthchannan Aonaichte gur e 2019 Bliadhna Eadar-Nàiseanta nan Cànanan Tùsanach, agus tha maoineachadh gus na cànanan seo a chumail beò ann an Canada air èirigh bho $5m (£3.9m) gu $118m (£91.2m) anns na bliadhnaichean mu dheireadh.
Tha Robert-Falcon Ouellette, a tha na Bhall-Pàrlamaid airson Winnipeg, den bheachd gun fhiach an iomairt gus cànanan a th' ann an cunnart a dhìon.

Robert-Falcon Ouellette a' bruidhinn Cree sa Phàrlamaid
Tha fuil mheasgaichte Sasannach agus Cree sna cuislean aige, agus tha e air fear den ghlè bheag de luchd-poileataigs a th' air a chànan màthaireil tùsanach a bhruidhinn sa Phàrlamaid, ann an 2017. Thuirt e gu bheil còir aig a h-uile duine air an cànan fhèin.
"Tha luach ann an cànan do dhaoine dha bheil e a' riochdachadh an cuid chultair agus eachdraidh," thuirt e. "Cluinnidh sinn gu tric nach eil daoine tùsanach a' faireachdainn gu bheil iad nam pàirt de Chanada. Tha an t-uabhas feirge ann."
Às dèidh na h-òraid aig Robert-Falcon, tha a-niste còir aig Buill-Phàrlamaid eadar-theangairean fhaighinn airson 's gum bruidhinn iad cànanan tùsanach san t-seòmar. Anns a' Mhàrt am-bliadhna, chraol lìonra an telebhisein thùsanaich APTN, geama hocaidh ann an Cree airson a' chiad uair.
A rèir Robert-Falcon, tha a bhith a' cleachdadh chànanan tùsanach, co-dhiù tha sin ann am fiolm, sa Phàrlamaid no ann an spòrs, "na chothrom innse do dhaoine tùsanach gu bheil iad gu diofar".

Erica Jean Ryan (Deas) air set ann an aodach traidiseanta Haidach
Bha Erica Jean Ryan na cleasaiche ann am Faobhar na Sgeine, a thuilleadh air a bhith na coidse cànain do na cleasaichean. 'S i bana-Haidach a th' innte fhèin, agus thòisich i air an cànan ionnsachadh o chionn ochd bliadhna.
A' cluinntinn Haida ga bruidhinn anns an fhiolm, shaoileadh tu 's dòcha, ma 's e cànan màthaireil eile leithid a' Bheurla no a' Ghàidhlig a th' agad fhèin, gum biodh i uabhasach doirbh ionnsachadh.
Ach thuirt Erica gun robh e na bu choltaiche ri bhith a' tarraing rud a-mach a bh' air a tiodhlacadh gu domhain innte. "Cha robh duilgheadas sam bith agam a thaobh fuaimneachaidh," thuirt i. "Bha e annam mar thà."
Dhan 22 cleasaiche san fhiolm aig nach robh an cànan, chaidh "campaichean bogaidh" a chur air dòigh, far an do dh'ionnsaich èildearan Haida an cànan dhaibh.

Sealladh bhon fhiolm a' sealltainn Hlaaya, màthair a' bhalaich a bhàsaich, a' tiormachadh dhuilleagan airson fighe
"Thug sinn cleasaichean agus luchd-labhairt còmhla ann an aon àite, far a' ghriod, fad dà sheachdain," thuirt Erica. "Dh'ionnsaich iad mar a bhruidhneadh iad, mar a chuimhnicheadh iad an cànan. Gus urram ceart a thoirt don chànan, agus dha na sinnsearan againn."
'S ann tro bheul-aithris a tha mòran chànanan leithid Haida gan toirt seachad, 's chan eilear gan sgrìobhadh ann. A-niste ge-tà, chaidh Haida a sgrìobhadh airson a' chiad uair, rud a tha cudromach airson luchd-ionnsachaidh ùr a chuideachadh.
Chaidh sgriobta an fhiolm a sgrìobhadh sa Bheurla an toiseach, 's a thoirt an uair sin gu èildearan airson eadar-theangachadh. Thuirt Erica gur iad na h-èildearan "buile cridhe, cnàmh-droma" a' phròiseict, agus thuirt i gum feumadh an sgioba riochdachaidh "cothrom a thoirt don eòlas aca, 's an t-ùrlar a thoirt dhaibh".
Tha a-niste 265 duine ag ionnsachadh Haida. Airson a' chiad uair cuideachd, thathas a-niste ga teagasg ann an sgoiltean. Airson aire na h-òigridh a ghlacadh, tha fiolm na mheadhan air leth cudromach san iomairt.

Fear Haida na sheasamh air beulaibh taighe fhiodha thraidiseanta san fhiolm
"Tha fada a bharrachd ùidh air a sealltainn ann na shaoil sinn riamh," thuirt Diane Brown. "Tha ùidh aig daoine òga ann." Chunnaic i fianais air seo le a h-ogha fhèin, a tha a-niste air Haida ionnsachadh. "Thug e dha pròis gur e Haidach a bh' ann fhèin," thuirt i.
"Tha e a' brosnachadh ghinealaichean ùra; tha e a' fosgladh suas inntinnean," thuirt Erica Jean Ryan. "Tha am fiolm seo a' toirt dòchais do chànanan eile, agus do choimhearsnachdan tùsanach eile. Ma 's urrainn dhuinn an t-slighe sin a threòrachadh, feumaidh sinn."
Do dh'Erica agus na Haidaich air fad a tha an sàs anns an fhiolm, an dèidh iomadach bliadhna san deach pàirt cho cudromach den fhèin-aithne aca a sgrios, 's e pròiseas dian a th' air a bhith ann a bhith ag ath-bheothachadh a' chànain.
"Thug an cànan lèigheas dhomh - dh'fhàg e slàn mi, thug e orm aithneachadh na tha e a' ciallachadh a bhith nam Haidach," thuirt i. "'S ann mar sin a chuidicheas mi mo dhaoine, mar a chuidicheas mi a' chlann agam."