An Jellicoe Express ga chuimhneachadh

  • Air fhoillseachadh
Forsan ÀrdTùs an deilbh, Google
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh plac a chur suas aig Stèisean an Fhorsain Àrd

Tha ceud bliadhna bho bha trèanaichean an Jellicoe Express bhon Chogadh Mhòr a' siubhal mu dheireadh ga chomharrachadh ann an Gallaibh.

Bha na trèanaichean, a bh' air an ainmeachadh às dèidh an Àrd-Mharaiche Sir John Jellicoe, a' toirt bhall de na feachdan armaichte eadar Lunnainn agus Inbhir Theòrsa.

Bha mòran de na seòladairean, saighdearan-mara agus saighdearan stèidhichte aig ionadan ann an Inbhir Ghòrdain agus Scapa Flow ann an Arcaibh.

Plac

Thèid plac airson nan trèanaichean fhoillseachadh aig Forsan Àrd.

Bha an stèisean iomallach ann an Gallaibh air an t-slighe a bhiodh trèanaichean an Jellicoe Express a' gabhail.

Bhiodh iad a' siubhal 700 mìle thairis air 22 uair de thìde.

Cumaidh RSPB na h-Alba, aig a bheil ionad tadhail ann am Fosran Àrd, bùithtean-obrach agus còmhraidhean mar phàirt de chuirm a chomharraicheas foillseachadh a' phlaic.

Còinneach

Gheibh daoine a-mach mun Jellicoe Express agus mar a chaidh còinneach bhon sgìre a chur gu feum a' feuchainn ri leigheas a dhèanamh air seòladairean agus saighdearan a bh' air an leòn.

Bha a' chòinneach a' dol air na lotan aca.

'S e am plac ann am Forsan Àrd am fear mu dheireadh a chaidh a chur an sàs.

Chaidh feadhainn eile fhoillseachadh aig stèiseanan air slighe an Jellicoe Express thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh.