Suidheachain do dh'eileanaich a-mhàin?

  • Air fhoillseachadh
Plèana air an Tràigh Mhòir

Feumaidh Riaghaltas na h-Alba barrachd a dhèanamh airson dèanamh cinnteach gum faigh muinntir Bharraigh air siubhal air a' phlèana a tha a' frithealadh an eilein, a rèir Bhall-Pàrlamaid na sgìre.

Tha Aonghas Brianan MacNèill airson 's gun tèid cuid de shuidheachain a chur mu seach tro mhìosan an t-Samhraidh do dh'eileanaich a-mhàin.

Tha e ag ràdh gu bheil luchd-turais a' ceannach tòrr shuidheachan mìosan ron àm agus gu bheil sin na dhuilighdeas.

"An rud a th' air a bhith a' tachairt o chionn greiseig a-niste, 's e gu bheil e a' fàs nas duilghe do ghnìomhachasan ionadail, agus do dhaoine ionadail siubhal," thuirt e.

"Tha iad ag ràdh gur e "lifeline" a th' ann, agus mar as trice 's e luchd-turais a tha a' tighinn.

"Tha feum air luchd-turais cuideachd. Tha fhios againn air sin.

"Mar sin, tha mi a' feuchainn ri toirt air an Riaghaltas tuigsinn gum feum iad seòrsa de chothromachadh ùr fhaighinn, eadar luchd-turais, agus a' choimhearsnachd a dh'fheumas falbh 's tighinn, uaireannan gu math aithghearr ma bhios èiginn ann a thaobh slàinte, a bhith a' dol dhan ospadal, no ma bhios bàs car ealamh ann agus daoine ag iarraidh air ais 's air adhart mar sin, chan eil an cothrom a tha sin ann, agus a thaobh 's gu bheil luchd-turais a' lìonadh nan suidheachan gu math luath," thuirt e.