Carragh-cuimhne a dhìth
- Air fhoillseachadh

Tha dragh air èirigh ann an Stafainn san Eilean Sgitheanach, is muinntir an àite fhathast a' feitheamh ri carragh-cuimhne a bhiodh a' comharrachadh strì chroitearan na sgìre bho chionn faisg air 150 bliadhna.
Ann an 2014 fhuair Atlas Arts agus Urras an Taobh Sear £20,000 airson a' phròiseict.
Ach leis an airgead seo air a chosg chan eil sgeul air a' charragh-cuimhne fhèin.
Bha iomairt mhòr a' dol san sgìre aig àirde Strì an Fhearainn anns na h-1880an.
Lìog an Fhearainn
B' ann à Bhaltos a bha Tormod Choinnich Stiùbhart - "Parnell" mar a bhathas a' gabhail air - a' chiad Sgitheanach a dhiùlt àrdachadh màil a phàigheadh don uachdaran airson an fhearainn aige.
Bhiodh suas ri 300 duine a' cruinneachadh a dh'èisteachd ris aig coinneamhan poblach, agus Lìog an Fhearainn a' faighinn gu dol.
Dh'iarr na h-uachdarain a bh' ann taic on Riaghaltas, agus dragh orra gun cailleadh iad smachd air na daoine.
Chaidh feachdan a chur dhan sgìre, agus chaidh an Stiùbhartach agus feadhainn eile a chur dhan phrìosan airson diùltadh am màl a phàigheadh.
"Nuair a rachadh tu a-staigh air cèilidh anns na taighean bha iad a' bruidhinn air mar a bha daoine, mar a sheas iad suas an aghaidh a h-uile càil a bh' ann," thuirt Lachaidh Mac'illÌosa, a Stèinnseal.
"An cruadal, cho doirbh 's a bha gnothaichean.
"Agus cho beag de dh'aithne a bh' air a thoirt dha.
"Cha robh e a' sealltainn gun robh daoine idir cho adhartach ris na h-àiteachan eile a chuir suas carragh-cuimhne," thuirt e.
Còig bliadhna an dèidh do dh'Atlas Arts £20,000 fhaighinn airson carragh-cuimhne a dhealbh ge-tà, tha ceist air cuid sa choimhearsnachd carson nach eil an carragh-cuimhne air nochdadh.
"Thòisich am pròiseact tràth, le buill Urras an Taobh Sear agus Atlas Arts a' tadhal air sreath de làraichean an Alba agus sa Ghearmailt, a' coimhead air eisimpleirean de dh'ealain phoblaich," thuirt Shona Chamshroin, bho Atlas Arts.
"An uair sin ann an 2016, thug sinn coimisean don neach-ealain Ruth Barker, a tha stèidhichte an Glaschu obair-ealain labhairte a chruthachadh, air an robh Place of Pillars.
"An uair sin ann an 2017 chuir sinn gairm a-mach airson luchd-ealain aig an robh ùidh ann a bhith a' rannsachadh 's a' leasachadh bheachdan airson carragh-cuimhne ùr-nodha.
Taisbeanadh
"Thàinig seo gu ceann le taisbeanadh ann an Talla Coimhearsnachd Stafainn sa Mhàrt 2018.
"Cha b' ann airson an carragh-cuimhne fhèin a thogail a bha an t-airgead, 's cha deach a cheadachadh gun deadh a chosg air sin.
"'S ann dha-rìribh mu dheidhinn a bhith a' rannsachadh 's a' leasachadh feuch dè an coltas a dh'fhaodadh a bhith air carragh-cuimhne," thuirt i.
Bha Mgr Mac'illÌosa fhèin treis air Urras an Taobh Sear aig an àm.
"Bhiodh e, dòcha, mus biodh a' bhliadhna a-mach, bhiodh fios againn air a h-uile càil. Bhiodh e deiseil airson a shealltainn," thuirt e.
"Cha chuala mi an còrr guth mu dheidhinn," thuirt e.
Dh'iarr am BBC agallamh le Urras an Taobh Sear, ach cha robh duine aca airson bruidhinn mun chùis.
Thuirt iad ge-tà, gun robh iad airson 's gun lean am pròiseact, agus gu bheil dùil aca cur a-steach airson tuilleadh airgid mu choinneimh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 An Gearran 2018
