Dreuchdan cùraim ChnES bàn
- Air fhoillseachadh

100 dreuchd bàn ann an seirbheis chùraim Chomhairle nan Eilean Siar
Thàinig e am bàrr gu bheil 100 dreuchd bàn ann an seirbheis chùraim Chomhairle nan Eilean Siar, agus tha ceist ann air mar a ghabhas an lìonadh agus seirbheis cheart a lìbhrigeadh.
Chuala comhairlichean cuideachd rabhadh mu ghearraidhean eile san t-seirbheis san ath-thrì bliadhna.
Pàigheadh
Tha feadhainn a-nise a' faighneachd ciamar a ghabhas luchd-obrach a chumail nan dreuchdan, agus tha moladh ann gum bu chòir coimhead air pàigheadh an luchd-cùraim a chur an-àirde.
Tha an gainnead luchd-obrach cuideachd a' ciallachadh gu bheil an t-ùghdarras air a bhith a' fastadh dhaoine bho bhuidhnean prìobhaideach air tìr-mòr.
Spàirn
Thuirt an Comh. Norrie Dòmhnallach gu bheil na tha a dhìth de luchd-obrach a' cur uallaich air an fheadhainn a th' air fhàgail agus gu bheil cuid a' dol dheth 's iad fo spàirn.
Bha e ag ràdh cuideachd: "Feumaidh sinn a dhol a-mach dha na h-eileanan gu lèir airson faighneachd dhan fheadhainn a tha a' fàgail carson a tha iad a' fàgail, agus faighinn a-mach an urrainn dhuinn rudeigin a dhèanamh mu dheidhinn - ach 's e seirbheis mhìorbhaileach a th' ann agus tha an fheadhainn a tha ag obair anns an t-seirbheis a' faighinn pàigheadh math airson na h-obrach a tha iad a' dèanamh.
"Ach, carsaon nach eil iad airson a bhith ag obair dhan Chomhairle, agus feumaidh sinn a' cheist sin fhaighneachd agus freagairt fhaighinn."