Luach £140,000 de dhrugaichean air an lorg an Inbhir Nis

  • Air fhoillseachadh
Pùdar gealTùs an deilbh, Science Photo Library

Chaidh drugaichean luach £140,000 uile gu lèir a lorg às dèidh do chàr a bhith air a stad ann an Inbhir Nis.

Bha cocain, MDMA agus cainb lusragach anns a' charbad, a chaidh a stad le oifigearan air an A9 air an fhionnairidh Dimàirt an 30mh là den Ghiblean.

Chaidh dithis fhireannach - an dithis aca 19 bliadhna a dh'aois - a chur fo chasaid co-cheangailte ris na drugaichean.

Tha dùil gun nochd iad ann an Cùirt an t-Siorraidh an Inbhir Nis Diardaoin.

Dh'iarr na poilis air a' mhòr-shluagh fònadh gu 101 no gu Crimestoppers air 0800 555 111 ma tha fiosrachadh aca mu dhrugaichean mì-laghail.