Sgudal nan Eilean ga chur a Nirribhidh?

Tha dragh air Comhairle nan Eilean Siar gur dòcha gum feum iad sgudal a chur far an eilein agus 's dòcha cho fada air falbh ri Nirribhidh mura faigh iad cead a chumail aig Ionad-sgudail Bheinn na Dròbha faisg air Steòrnabhagh.

Tha riaghailtean ùra a' casg a bhith a' tiodhlaigeadh cuid de sgudal airson gearradh sìos air gasaichean a tha a' dol dhan iarmailt.

Tha tuilleadh aig Ruaraidh Rothach.