Parcadh aig na Glumagan air £5

  • Air fhoillseachadh
Glumagan nan SìthicheanTùs an deilbh, Richard Croft/Geograph

Tha obair-leasachaidh aig Glumagan nan Sìthichean san Eilean Sgitheanach a' dol air adhart aig astar, le raon-parcaidh ùr ann a ghabhas còrr is 100 carbad - air cìs £5.

Tha obair a' tòiseachadh a-nise air taighean-beaga.

Tha e coltach, ge-tà, gu bheil ceistean gam faighneachd mu bhuaidh eileamaidean den phròiseact air bòidhchead an àite, agus gu bheil pàirt den airgead a thathas a' togail ann a' fàgail an eilein.

"Tha Glumagan nan Sìthichean air a bhith ann iomadach là, ach cha d' fhuair iad ainm gu bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean," thuirt Patricia NicDhòmhnaill, a tha a' fuireach am Minginis.

Ceistean

"Chuir cuideigin ann an iris luchd-turais air choireigin e, agus dh'fhalbh e an uair sin mar gun cuireadh tu falaisgear.

"Bha a h-uile duine dh'fheumadh iad a dhol dha Glumagan nan Sìthichean," thuirt i.

Thadhail còrr air 200,000 luchd-turais air an àite, ann an Gleann Breatail, an-uiridh.

Tha luchd-turais air a bhith a' fàgail nan càraichean aca ri oir an rathaid, agus tha sin air a bhith a' dèanamh chùisean duilich agus mì-shàbhailte ann an àiteachan, airson ùine.

Tha a-nis raon-parcaidh mòr ùr ann, a ghabhas còrr is 100 càr.

Tha puist air an cur ri oir an rathaid gus nach fhaigh daoine air na càraichean fhàgail ann.

Tha dùil gun tòisich obair air taighean-beaga an cois an raoin-pharcaidh an ceann cola-deug.

Tha ceist air muinntir an àite ge-tà, air co-dhiù dà chuspair.

Tha iad an toiseach ag ràdh gu bheil na puist ri taobh an rathaid grànnda, 's a' milleadh an àite, agus gun robh còir puist a chur ann a bha a' freagairt nas fheàrr air an àrainneachd.

Thathas a' coireachadh Comhairle na Gàidhealtachd airson seo, agus tha am BBC a' feitheamh fios air ais bhuapa mu dheidhinn.

Peairt

'S e an ath-rud, ged is e Comann Talla Coimhearsnachd Mhiniginis a tha os cionn a' phròiseict, gur i companaidh a tha stèidhichte am Peairt, Outdoor Access Trust for Scotland, a tha a' togail nan cìsean bhon raon-pharcaidh.

'S iad fhèin a tha a' fastadh an luchd-obrach a tha a' frithealadh an raoin-pharcaidh.

Tha muinntir an àite a' faighneachd carson nach robh cothrom ann an Comann fhèin sin a dhèanamh, seach an t-airgead a bhith a' fàgail an eilein.

"Bha roghainn ann sin a dhèanamh," thuirt Henrik Mitchkie, a tha na oifigear pròiseict airson Comann Talla Coimhearsnachd Mhinigis.

"Cho-dhùin iad mar bhòrd nach b' urrainn dhaibh a thoirt air adhart, air iomadach adhbhar, nam measg VAT, 's nach robh iad air pròiseact togail a dhèanamh roimhe.

"Bha iad a' faireachdainn gum biodh e na b' fheàrr ceangal a dhèanamh ri buidhinn charthannais eile aig an robh eòlas a thaobh sin, 's a dhèanadh e gu proifeasanta," thuirt e.