Naidheachdan 11:00m

Taghaidhean ionadail

Tha am mì-thoileachas mu Bhrexit ga choireachadh airson a' chall a dh'fhulaing na Tòraidhean agus na Làbaraich anns na taghaidhean ionadail ann an Sasainn. Le bhòtaichean fhathast gan cunntais, tha na Tòraidhean air còrr air 400 suidheachan comhairle a chall, leis na Làbaraich sìos timcheall air 80. Tha na Libearalaich Dheamocratach, a tha ag iomairt airson fuireach anns an EU, a' soirbheachadh gu mòr is iad air faisg air 300 comhairliche ùr fhaighinn. Tha UKIP air còrr is 50 comhairliche a chall, ach tha na h-Uainich air còrr air 40 comhairliche ùr fhaighinn.

Tòraidhean na h-Alba

A rèir Ruth Davidson, faodaidh na Tòraidhean Albannach an ath-thaghadh aig Holyrood a bhuannachadh ann an 2021. Bha i a' bruidhinn aig toiseach co-labhairt a' phàrtaidh aice, agus i a' tilleadh air ais a dh'obair bho fhòrladh màthaireil. Nì am Prìomhaire, Theresa May, òraid aig a' chruinneachadh ann an Obar Dheathain an-diugh is dùil gur e dìon an Aonaidh am prìomh chuspair a bhios aice.

Aiseag Chaolas Shlèite

Coinnichidh Ministear nan Eilean, Pòl Wheelhouse, ri riochdairean coimhearsnachd an-diugh a dheasbad na tha a dhìth airson trioblaidean le aiseag Mhalaig is Armadail a chur ceart. Tha duil gun tèid innse dha gum feumar bàta ùr a chur eadar an dà phort airson fuasgladh maireannach fhaighinn air na duilgheadasan air an t-slighe.

Stoirm

Ghabh còrr is millean neach air cost an Ear nan Ìnnseachan fasgadh agus an stoirm as miosa ann an còrr is 40 bliadhna a' bualadh air an sgìre. Tha Cyclone Fani air craobhan agus pòlaichean dealain a leagail ann an stàit Odisha, agus a' ghaoth a' ruighinn còrr is 200 cilemeatar san uair.

Fireannach a dhìth

Tha sgrùdadh a' leantainn air Taobh Siar Rois airson fear a th' air a dhol a dhìth ann an sgìre Chinn Loch Iù. Chan fhacas Màrtainn Rhodes, aois 46 à Yorkshire, bho fheasgar Dhiciadain. Tha sgiobannan teasairginn bheanntan Thoirbheartain agus Achadh Dà Dhòmhnaill an sàs anns an iomairt, cuide ri heileacoptair bho Mhaoir-Chladaich Inbhir Nis.

Billy MacNèill

Tha dùil gun cruinnich na mìltean air sràidean Ghlaschu airson urram a dhèanamh air seann sgiobair Celtic, Billy MacNèill, a tha ga thìodhlaigeadh an-diugh. Thèid seirbheis a chumail ann an Eaglais Naomh Aloyisius ann am meadhan a' bhaile sa mhadainn agus thèid an corp a thoirt seachad air Pàirc Celtic air a shighe dhan chladh.