Ionad Thròndairnis ceum nas fhaisge

  • Air fhoillseachadh
Urras Baile Fhlòdaigearraidh

Tha ionad culturail ùr an ceann a tuath an Eilein Sgitheanaich ceum nas fhaisge is Urras Baile Fhlòdaigearraidh air sealbh fhaighinn gu h-oifigeil air talamh far a bheil iad an dòchas a thogail.

Bha cuirm aca air an deireadh-sheachdain gus a' chlach-mhìle a chomharrachadh is BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis, a' gearradh a' chiad cheap.

Chuir an t-Urras romhpa an goireas seo, air am bi Ionad Thròndairnis, a thogail grunn bhliadhnaichean air ais.

Dòchas

Thuirt iad gur ann do mhuinntir an àite is luchd-tadhail a bhios an t-ionad, is gun tèid cultar na sgìre a thaisbeanadh ann.

Tha dùil gum bi àite ann 'son chuirmean agus do thaisbeanaidhean, is leabharlann, bùth is cafaidh am measg eile.

'S e an dòchas a th' aca gun tèid obraichean a chruthachadh airson òigridh na sgìre, is gum bi an t-ionad cuideachd na mheadhan air daoine a dh'fhàg an t-àite a thàladh air ais.

Agus tha an t-Urras ag ràdh gu bheil a' Ghàidhlig aig cridhe am planaichean.

Fo-thiotal,

Aithris Alasdair MhicLeòid bho Aithris na Maidne.

"Gu math tric, tha a' Bheurla a' faighinn làmh an uachdair ge b'oil leinn", thuirt cathraiche Urras Baile Fhlòdaigearraidh, Mairead NicNeacail.

"S i a' bheachd a th' againn gum bu thoigh leinn prìomhachas a thoirt dhan Ghàidhlig bho na tha a' Ghàidhlig cho làidir anns an sgìre, gum biodh e math sin a chumail a' dol cho math 's as urrainn dhuinn", thuirt i.

Ged a tha am fearann a-nise aca, tha an t-Urras mothachail gu bheil strì romhpa fhathast is iad feumach air airgead a thogail airson an ionaid fhèin.

Thathas an dùil aig an ìre seo gun cosg e eadar £2.5m is £3m.

Taic

Bidh iad air am misneachadh a thaobh sin le na thuirt Ceit Fhoirbeis aig a' chiurm air an deireadh-sheachdain.

"Tha a' choimhearsnachd seo fhathast a' cleachdadh na Gàidhlig gu làitheil", thuirt Ceit Fhoirbeis.

"Tha sin a' ciallachadh gur e àite gu math sònraichte a th' ann airson saoghal na Gàidhlig agus tha e cudromach gu bheil an t-ionad a' dol a bhith ann.

"Bidh taic an còmhnaidh ri fhaighinn bhuamsa airson rudeigin mar seo", thuirt i.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh