Tagradh mu fhear a tha a dhìth
- Air fhoillseachadh

Chaidh a ràdh gu bheil Màrtainn Rhodes eòlach air a bhith a' coiseachd anns na beanntan
Tha na Poilis agus sgiobannan teasairginn beinne air Ghàidhealtachd ag ràdh gu bheil iad a' leantainn orra le tagraidhean mu fhiosrachadh is iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air Màrtainn Rhodes, a chaidh a dhìth air Taobh Siar Rois.
Tha sia là bho chaidh fhaicinn mu dheireadh.
Chaidh Mgr Rhodes, 46, a Yorkshire an Iar, fhaicinn mu dheireadh mu 08.30 madainn Diciadain, an 1mh den Chèitean.
Ceann Loch Iù
Bha dùil aige a dhol a choiseachd ann an sgìre Chinn Loch Iù, agus chaidh fios gun robh e a dhìth nuair nach do nochd e anns an àite far an robh e a' fuireach air an fhionnairidh.
Chaidh a ràdh gu bheil e mu 5tr. agus 4or. a dh'àirde, caol, le falt goirid donn agus gu bheil e eòlach air a bhith a' coiseachd anns na beanntan.
Luchd-coiseachd
Tha na poilis airson bruidhinn ri duine sam bith a bha a' coiseachd anns na beanntan faisg air Ceann Loch Iù Diciadain a chaidh, no bhon uair sin.
Dh'iarr iad cuideachd air daoine anns an sgìre sùil a thoirt ann an togalaichean a-muigh mar shabhalan is seadaichean.
Faodaidh duine sam bith aig a bheil fiosrachadh fios a chur gu Poileas Alba air 101, agus an àireamh 4582 a thoirt seachad.