Comhairlean a' faighinn barrachd airgid bho thiceadan parcaidh
- Air fhoillseachadh

Tha figearan ùra a' sealltainn gu bheil an àireamh de thiceadan parcaidh a tha comhairlean na h-Alba a' toirt seachad air èirigh.
Tha mòran ùghdarrasan ionadail air smachd a ghabhail iad fhèin air a bhith a' peanasachadh dhràibhearan agus tha càintean air a bhith a' dol suas.
Sheall àireamhan a thàinig bho Achd Saorsa an Fhiosrachaidh gun tug Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid còrr air £661,117 a-steach le ticeadan parcaidh thairis air an trì bliadhna mu dheireadh.
Thog Comhairle na Gàidhealtachd £660,368 agus thug Comhairle Mhoireibh a-steach £109,620 thairis air an aon ùine.
Uile gu lèir, fhuair comhairlean na h-Alba £52,442,979 thairis air an trì bliadhna mu dheireadh, suas bho £16,387,966 ann an 2016/17 gu £18,723,336 ann an 2018/19.