Cha do dh'fhulaing tè a thuit à càr eucoir, a rèir nam poileas
- Air fhoillseachadh
Thuirt na poilis nach do dh'fhulaing boireannach à thuit à càr a bha a' siubhal ann an Inbhir Nis eucoir.
Thuit i à carbad air Rathad Chùil Lodair mu 15:00 Diluain.
Thuit i à suidheachan deiridh a' chàir a mheadhan an rathaid, agus ged a bha trafaig a' siubhail gach taobh, cha deach a goirteachadh.
Rinn na poilis tagradh airson fiosrachaidh Dimàirt agus thuirt neach-labhairt gu bheil oifigearan fhathast a' sgrùdadh an tachartais.