Tagradh ùr mu Mhàrtainn Rhodes

  • Air fhoillseachadh
Màrtainn Rhodes and SlìochTùs an deilbh, Police Scotland/Nigel Brown/Geograph
Fo-thiotal an deilbh,

Dh'fhaodadh gun robh Màrtainn Rhodes a' dèanamh air Slìoch nuair a chaidh e a dhìth

Tha na poilis air tagradh ùr a dhèanamh airson fiosrachaidh is iad a' feuchainn ri lorg fhaighinn air Màrtainn Rhodes.

Chaidh Mgr Rhodes, 46, à sgìre Halifax, fhaicinn mu dheireadh faisg air Ceann Loch Iù mu 08:30 Diciadain a chaidh.

Slìoch

Thuirt na poilis nach eil fhios le cinnt càite an robh e a' dol, ach gur dòcha gun robh e a' dèanamh air Slìoch no air beanntan Fisherfield.

Tha droch shìde air maill a chur air an iomairt theasairginn anns an robh na poilis, sgiobannan teasairginn beanntan, coin agus heileacoptair an sàs.

Tha Poileas Alba air iarraidh air luchd-coiseachd sùil a chumail a-mach airson Mgr Rhodes.

Togalaichean

Dh'iarr iad cuideachd air muinntir na sgìre coimhead ann an togalaichean a-muigh, mar sabhalan agus seadaichean.

Chaidh a ràdh gu bheil Mgr Rhodes 5tr. agus 4or. a dh'àirde, caol le falt goirid donn.

Chan eil fhios dè an t-aodach a bha air, ach 's dòcha gun robh baga-droma dubh aige