NHS na Gàidhealtachd: "Eagal 's dol a-mach mì-iomchaidh"
- Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun do dh'fhulaing na ceudan de luchd-obrach aig NHS na Gàidhealtachd dol a-mach mì-iomchaidh.
Sin a fhuair rannsachadh neo-eisimeileach air a' bhòrd-slàinte.
Cha b' urrainn don rannsachadh a ràdh a-muigh no a-mach an robh cultar de bhurraidheachd ann, ach gum bu chòir dragh a bhith ann mu na thuirt luchd-obrach.
Rùnaire na Slàinte
Dh'iarr Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gun tèid buidheann-obrach a stèidheachadh le ministear os a cionn gus dèiligeadh ri torraidhean an rannsachaidh.
Thuirt i gun robh i duilich agus gum bu chòir do bhùird slàinte eile leasanan ionnsachadh agus dh'iarr i gun tèid ath-sgrùdadh fa-leth a dhèanamh air mar a tha seirbheisean air an stiùireadh ann an Earra-Ghàidheal is Bòd.
Thuirt Jeane Freeman cuideachd nach robh an cultar aig Bòrd Slàinte na Gàidhealtachd math gu leòr, agus chuir i taic ri molaidhean an sgrùdaidh.
Oideachadh
Am measg nam molaidhean, tha oideachadh do luchd-obrach air burraidheachd agus dòigh nas fheàrr a stèidheachadh airson innse mu bhurraidheachd.
Thuirt NHS na Gàidhealtachd nach leig iad dha dol a-mach mì-iomchaidh a dhol air adhart agus gun ionnsaich iad leasanan.
Ged a tha casaidean de bhurraidheachd ann, thuirt an sgrùdadh cuideachd gu bheil na mìltean de luchd-obrach fìor mhath ag obair gu dripeil dhan NHS air Ghàidhealtachd.