Boireannaich ri farpais aig Geamannan Gàidhealach?

  • Air fhoillseachadh
Boireannach aig Geamannan GàidhealachTùs an deilbh, Getty Images

Thèid co-fharpaisean ùra chuir air chois aig Geamannan Gàidhealach a fhreagras air boireannaich.

Thuirt Comann Albannach nan Geamannan Gàidhealach gu bheil iad airson farpaisean a chur air dòigh gu sònraichte do bhoireannaich airson na geamannan a dhèanamh nas fhosgailte.

Tha a' buidheann, a tha a' cumail taic ri 60 Geamannan Gàidhealach air feadh Alba, an-dòchas gum brosnaich an ceum seo barrachd dhaoine gu bhith a' gabhail pàirt anns na geamannan.

Dh'fhaodadh boireannaich pàirt a ghabhail mu thràth ach anns na h-aon farpaisean agus le na h-aon riaghailtean ris na fir.

Thathar a-nis ag iarraidh air buill a' chomainn, atharrachadh a thoirt air an cuid gheamannan.

Cion Farpaisich

Bha seo aig Stiùiriche a' Comainn, Iain Watt, ri ràdh:

"Tha boireannaich air a bhith a' farpais còmhla ri fireannaich aig na Geamannan Gàidhealach airson iomadh bliadhna ach tha fhios againn nach eil iad air an deagh riochdachadh," thuirt e.

"Tha sinn a' feuchainn ri sin a cheartachadh agus barrachd dhaoine a bhrosnachadh ri bhith a' farpais.

"Chan eil uidhir de dh'fharpaisich againn is a bu mhath leinn, agus gu h-àraid anns na farpaisean troma," thuirt e.

Thèid a-nis coimhead ri farpaisean air leth, no handicap a thoirt a-steach, airson cùisean a dhèanamh nas cothromaiche.