Luchd-turais gu leòr an Steòrnabhagh

Bha còrr is 800 neach-turais ann an Steòrnabhagh Diardaoin, agus trì soithichean mòra a-staigh air an aon là.

Thainig tè dhiubh, an Hanseatic Nature, a Steòrnabhagh air a' chiad turas aice aig muir.

Agus ged a fhuair i fhèin agus tè eile, Le Champlain, a-steach chun a' chidhe, b'fheudar dhan tè a bu mhotha, an Astoria, fuireach aig acair aig beul a' phuirt.

Tha Aonghas Dòmhnallach ag aithris.