Luaidh ga dhèanamh air sàr sgoilear
- Air fhoillseachadh

An t-Oll Iain MacAonghais
Tha luaidh ga dhèanamh air an Ollamh Iain MacAonghais a bhàsaich Dihaoine aig aois 89.
B' e fear de na sàr sgoilearan a thaobh cànan is cultar na Gàidhlig.
Bha e ainmeil airson an obair a rinn e a' cruinneachadh agus ag innse mu dhòigh beatha nan Gàidheal agus bha ùidh mhòr aige ann am beul-aithris agus mar a bhiodh na Gàidheil a' cleachdadh macmeanma.
Rugadh Iain ann an Ùig Leòdhais ann an 1930, ach b' ann ann an Dùn Èideann a chuir e seachad a' mhòr-chuid de bheatha.
Chuir e seachad iomadach bliadhna ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba, far an do choisinn e cliù airson eòlas agus an rannsachadh a rinn e.
Tha Iain a' fàgail a bhean Wendy agus dithis chloinne, Catriona is Ruaraidh.