Adhartas le Pròiseact a' Chaisteil

  • Air fhoillseachadh
Caisteal Inbhir NisTùs an deilbh, Ewen Weatherspoon

Tha pròiseact gus Caisteal Inbhir Nis a leasachadh do luchd-tadhail air adhartas a dhèanamh is ailtire is stiùiriche cruthachail air am fastadh.

'S fhada bho nochd beachd gum bu chòir an caisteal a chur gu feum san dòigh seo.

Chaidh àite faire a chur air dòigh mar-thà ann an tùr sa chaisteil is e air soirbheachadh gu mòr.

Le Cùirt Inbhir Nis gus gluasad gu togalach ùr ann an sgìre an Longman, tha cothrom ann a-nise gluasad air adhart leis a' chòrr den chaisteal a leasachadh.

Tha seo na phàirt de dh'aonta Sgìreil Inbhir Nis is a' Ghàidhealtachd.

Thathas an dùil gum biodh taigh-tasgaidh, àite-taisbeanaidh is gailearaidhean ann, a thuilleadh air bùthan, taighean-bìdhe is cafaidhean.

Cùmhnantan

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a-nise air innse gun deach a' chompanaidh LDN Architects fhastadh mar ailtirean.

Bidh e an urra riuthasan beachdachadh air mar a ghabhas an togalach atharrachadh is còmhraidhean gu bhith aca le Àrainneachd Eachdraidheil Alba, Comhairle na Gàidhealtachd, is High Life na Gàidhealtachd, am measg eile.

Chaidh a' chompanaidh Creative Services, le Bryan Beattie os on cionn, fhastadh mar stiùiriche cruthachail na pròiseict.

Bidh dleasdanas orrasan tachartasan a chur air dòigh aig Caisteal Inbhir Nis is a bhith a' stèidheachadh cheanglaichean le buidhnean eile gus làn bhuannachd fhaighinn às an leasachadh.

"'S e ceum cudromach eile a thaobh Caisteal Inbhir Nis a th' anns an leasachadh a tha seo", thuirt Rùnaire na h-Eaconomaidh Dhùthchail, Fearghas Ewing.

"Bidh a' phròiseact na cuideachadh gus meadhan Inbhir Nis agus a' Ghàidhealltachd san fharaingeachd ath-bheòthachadh, le buannachdan do mhuinntir an àite agus luchd-turais", thuirt e.

Tuilleadh air an sgeulachd seo