Rabhadh mu theintean monaidh

  • Air fhoillseachadh
Teine

Thug an t-seirbheis smàlaidh rabhadh mu theintean monaidh le sìde thioram air fàire.

Tha dùil gum bi i mu 20C tron t-seachdain agus tha an rabhadh a' leantainn gu Dihaoine.

Tha seo a' tighinn às dèidh mar a bha droch theine monaidh ann am Moireibh sa Ghiblean - fear de na teintean a bu mhotha a chaidh fhaicinn anns an Rìoghachd Aonaichte bho chionn fhada.

Bha an teine faisg air tuath-gaoithe Paul's Hill aig Cnoc Cheannachd agus chaidh 20 mìle ceàrnagach de thalamh a mhilleadh.

Le aimsir bhlàth, thioram agus gaoth làidir, sgap an teine gu luath agus bha 80 luchd-smàlaidh an làthair 'son smachd fhaighinn air.

Chaidh milleadh a dhèanamh air coille anns an Eilean Sgitheanach air a' mhìos seo chaidh cuideachd le teine a' sgapadh faisg air tuath-gaoithe an Aodainn Bhàin, thairis air còig mìle ceàrnagach.