Dragh mu phoileasaidh siubhail

Thuirt Buidheann Aillse Mhic a' Mhaoilein gu feum atharrachadh tighinn air mar a tha Bòrd Slàinte nan Eilean Siar a' deiligeadh le bhith leigeil le daoine siubhail còmhla ri euslaintich gu tìr-mòr, gu sònraichte còmhla ris an fheadhainn air a bheil aillse.

Dh'atharraich gnothaichean an-uiridh agus - a rèir choltais - chan eil na h-uimhir a-nis a' faighinn cead falbh mar chompanach.

Tha an aithris seo aig Murray MacLeòid.