Ath-sgrùdadh ga iarraidh air poileasaidh siubhail NHS nan Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh
Bòrd Slàinte nan Eilean Siar

Tha luchd-iomairt sna h-Eileanan Siar a' gearan nach eil càirdean a' faighinn cothrom mar a chleachd a dhol còmhla ri euslaintich gu ospadail air tìr-mòr.

B'abhaist dotairean teaghlaich a bhith a' co-dhùnadh cò a dh'fhaodas siubhal le euslainteach gu tìr-mòr ach, on dh'atharraich an cùmhnant aca an-uiridh, 's e am Bòrd Slàinte ris a bheil an co-dhùnadh sin an urra.

Tha Buidheann Cùraim Aillse nan Eilean Siar a' cumail a-mach nach eil na h-uimhir a' faighinn cead falbh mar chompanach on dh'atharraich am poileasaidh.

Tha an luchd-iomairt an-dràsta a' dèanamh an sgrùdaidh aca fhèin agus tha iad ag ràdh gu bheil faisg air naoinear anns gach deichnear a fhreagair an ceisteachan air a mhìneachadh cho cudromach 's a tha e gum bi cuideigin còmhla riutha fhad 's a gheibheadh iad cùram air tìr-mòr.

Ath-sgrùdadh a dhìth

Tha cathraiche na buidhne, Dòmhnall MacLèoid, ag ràdh gu bheil e na dhearbhadh air mar a dh'fheumas Bòrd Slàinte nan Eilean Siar sùil as ùr a thoirt air am poileasaidh.

"Ma tha duine sam bith a' dol air beulaibh lìghiche airson fiosrachadh fhaighinn mu dheidhinn aillse, chan eil thu ann an stait inntinn as urrainn dhut a ghabhail a-steach na thathas a' cantainn riut.

"Feumaidh tu taic, duine a bhith còmhla riut, ball dhe do theaghlach a bhith còmhla riut.

"Tha sinn an dèidh mòran a chluinntinn mu Bhile nan Eilean agus chì thu gu bheil am Bòrd Slainte ann mar bhuidheann phoblach ainmichte.

"Tha sin a' toirt dleasdanas dhaibh dèanamh cinnteach nach tèid leth-breith a dhèanamh neo peanas sam bith a chur air daoine às na h-eileanan nuair a th' aca ri siubhal gu tìr-mòr airson leigheas fhaighinn.

"Mura cur iad airgead mu choinneamh sin, chan urrainn ach smaoineachadh gu bheil an t-Achd a tha seo dìreach mar phìos de reachdas gun susbaint sam bith," thuirt Mgr MacLeòid.

Ath-chuinge

Chaidh ath-chuinge a chur gu Riaghaltas na h-Alba le trì mile ainm a' gearan nach eil gu leòr a' faighinn cead siubhail mar chompanach.

Tha Rùnaire na Slàinte, Jeane Freeman, gun freagairt a thoirt ach tha dùil gum faigh a' chùis èisteachd am Pàrlamaid na h-Alba.

A rèir an luchd-iomairt, tha an sgrùdadh aca agus an ath-chuinge a' sealltainn cho cudromach 's a tha e gun tèid èisteachd cheart a thoirt dha na daoine air a bheil aillse neo gu dearbh tinneas eile agus an teaghlaichean.

"Chanainn nach do rinn am Bòrd Slàinte sgrùdadh sam bith air dè a' bhuaidh a bha gu bhith aige seo air daoine mus do chuir iad dheth dha.

"Ma leughas tu tron Achd, bha còir aca impact assessment a dhèanamh air an seo agus cha do rinn iad sin cho fada 's aithne dhuinn.

"Dh'iarrainn-sa gun dèanadh iad sin, agus mura dèanadh iad-san e bu chòir dhan Riaghaltas a dhèanamh bhon tha buaidh mhòr, mhòr aig seo air na h-eileanan," thuirt Mgr MacLeòid.

Thuirt Bòrd Slàinte nan Eilean Siar gu bheil iad air sùil a thoirt air a' phoileasaidh, agus gun tig molaidhean air beulaibh a' bhuird air an ath-mhìos.