Nì murtair Alesha NicPhàil ath-thagradh
- Air fhoillseachadh

Chaidh Caimbeul a chur an grèim air an 4mh den Iuchair an-uiridh, dà là an dèidh a'mhuirt.
Bidh cead aig Aaron Caimbeul a dh'èignich agus a mhurt Alesha NicPhàil cur an aghaidh na binn prìosain a fhuair e.
Chaidh an deugaire a chur dhan phrìosan airson co-dhiù 27 bliadhna airson a' chaileag, a bha 6 bliadhna de dh'aois, a mharbhadh ann an Eilean Bhòid air an 2mh den Iuchair 2018.
Sa chùis-lagha na aghaidh chaidh Caimbeul, a bhios 17 bliadhna de dh'aois ann ceann dà là, às àicheadh gun do choinnich e riamh ri Alesha, ach goirid mus deach binn a chur air thàinig e am bàrr gun robh e air a chiont aideachadh.
Thuirt fear-labhairt Chùirtean agus Sheirbheisean Tribunal na h-Alba gum bi ath-thagradh Chaimbeul air beulaibh thriùir bhritheaman ann an Dùn Èideann air an 7mh den Lùnasdal.
Bha Alesha, a bhuineadh don Àrd-Ruigh, air saor-làithean samhraidh ann an Eilean Bhòid nuair a thug Caimbeul bho leapaidh i air an oidhche.
Chaidh corp na h-ighne bige a lorg air làraich seann thaigh-òsta an ath-mhadainn.
Sheall rannsachadh bàis gun robh 117 lotan air a bodhaig.

Dh'innis Caimbeul do shaic-eòlaiche mar a dhùisg Alesha nuair a bha e ga giùlain bhon t-seòmar aice.
Sa chùis-lagh, a mhair 9 là, 's e an dìon sònraichte a bh' aig Caimbeul gur e an leannan aig athair Alesha, boireannach 18 bliadhna de dh'aois, a mhurt Alesha.
Thug e seachad fianais agus dh'innis e dhan diùraidh gun feumadh gun deach an DNA aige a chur air làrach na h-eucoir.
Ach bha argamaidean an luchd-casaid na aghaidh ro làidir; nam measg, fianais fhoireansaig agus dealbhan CCTV a thug a mhàthair dha na poilis.
Thug an diùraidh trì uairean de thìde aig an Àrd-Chùirt ann an Glaschu breithneachadh a dh'aona-ghuthach gun robh am balach-sgoile ciontach.
Nuair a thill e gu bocsa nam mionnan sa Mhàrt, chuala a' chùirt gun robh Caimbeul air aideachadh mu dheireadh thall gur e a bu choireach ris an eucoir.