Cosgais aiseagan Earra-Ghàidheal
Dh'iarr Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun deadh ceithir aiseagan a tha iad a' ruith san sgìre a ghabhail thairis le Còmhdhail Alba.
Thuirt an t-ùghdarras ionadail gu bheil mu mhillean not a dhìth orra gus na seirbheisean a ruith.
A thuilleadh air a sin, tha iad cuideachd a' fàgail air an Riaghaltas nach eil iad a' faighinn an aon ìre de thaic-airgid 's a tha ùghdarrasan eile leithid Arcaibh is Sealltainn.
Tha Seonaidh MacCoinnich ag aithris.