Sguad nàiseanta na h-Alba airson Cupa na Cruinne
- Air fhoillseachadh

Shelley Kerr, manaidsear sgioba nàiseanta nam ban
Tha Shelley Kerr air an sguad aice ainmeachadh airson Cupa na Cruinne san Fhraing às t-samhradh.
'S i Rachel Corsie caiptean na sgioba nàiseanta, le Kim Litte air a h-ainmeachadh mar leas-chaiptean na buidhne.
A' bharrachd air Lana Clelland, a bhios a cluich do Fiorentina, bha na cluicheadairean uile mar phàirt den bhuidheann a rinn a' chùis air Brasil air a' mhìos a chàidh.
Chan eil àite ann do Emma Mitchell ge tà, rud a th' air ìognadh a chuir air cuid, as deidh dhith tadhal fhaighinn do Arsenal aig an deireadh sheachdain.

Sguad na h-Alba airson Cupa na Cruinne
Tha iomairt na h-Alba a' tòiseachadh air an 9mh den Òg-mhìos an aghaidh Sasainn, le geamaichean cuideachd an aghaidh Iapan (14mh den Òg-mhìos) agus Argentina còig là as-deidh sin.
Tha dùbhlan ro bhoireannaich na h-Alba, le Sasainn san treas àite bho chionn ceithir bliadhna agus Iapan a call sa chuairt dheireannaich, ach tha cothrom aca air an treas àite sa bhuidheann. Nam faigheadh sgioba Shelley Kerr sin, bhiodh cothrom aca air an t-sia deug mu dheireadh, le ceithir sgiobaidhean a th' air crìochnachadh san treas àite a' dol troimhe.
Neach-glèidhidh: Lee Alexander (Glasgow City), Jenna Fife (Hibernian), Shannon Lynn (Vittsjo GIK)
Cluicheadairean dìon: Chloe Arthur (Birmingham City), Jennifer Beattie (Manchester City), Rachel Corsie (Utah Royals), Nicola Docherty (Glasgow City), Sophie Howard (Reading), Hayley Lauder (Glasgow City), Joelle Murray (Hibernian), Kirsty Smith (Manchester Utd)
Meadhan na pàirce: Lizzie Arnot (Manchester Utd), Leanne Crichton (Glasgow City), Kim Little (Arsenal), Jo Love (Glasgow City), Christie Murray (Liverpool), Caroline Weir (Manchester City)
Cluicheadairean aghaidh: Fiona Brown (FC Rosengard), Lana Clelland (Fiorentina), Erin Cuthbert (Chelsea), Claire Emslie (Manchester City), Lisa Evans (Arsenal), Jane Ross (West Ham Utd)