Moladh air atharrachaidhean slàinte

Dh'fhaodadh seirbhisean slàinte an Eilein Sgitheanaich, Loch Aillse agus Taobh Siar Rois a bhith nan eiseimpleir do dh'àiteachan eile ann an Alba, agus do dhùthchannan eile.

Sin a rèir Sir Lewis Ritchie, a dh'fhoillsich grunn mholaidhean an-uiridh airson na sgìre, agus e a' bruidhinn aig coinneamh phoblach ann am Port-Rìgh.

Tha seo a tighinn agus iomairt air a bhith a dol san sgìre an aghaidh phlanaichean NHS na Gàidhealtachd.