Muc-mhara mharbh a' tighinn air tìr
- Air fhoillseachadh

Thàinig closach na muice-mara air tìr faisg air Sgràbasdal
Chaidh muc-mhara chrotach a chaidh an sàs ann an uidheamachd iasgaich fhaighinn marbh air cladach ann an Gallaibh.
Chaidh a' mhuc-mhara fhaicinn Diciadain mus tàinig a closach air tìr faisg air Sgràbasdal anns a' mhadainn Diardaoin.
Thèid bàs na muice-mara a sgrùdadh.
Thàinig muc-mhara air tìr ann am Barraigh na bu tràithe air a' mhìos seo, agus thàinig tè air tìr ann am Fìobha anns a' Ghiblean.
Chaidh na dhà a ghlacadh ann an ròpa.