Naidheachdan 11:00m
Rinn an Ceann-Suidhe Trump tuilleadh connspaid aig toiseach a thurais stàite a Bhreatainn. Thug e slaic, air Twitter, air Mèar Lunnainn, Sadiq Khan, fiù 's mus do laigh am plèana aig aig Stansted. Thuirt Mgr Khan ron seo nach bu chòir fàilte sam bith a chur air a' Cheann-Suidhe Trump anns an dùthaich seo. Tha Mgr Trump 's a bhean Melania a-niste aig dachaigh Thosgaire nan Stàitean Aonaichte ann am Breatainn. Bidh an teaghlach Trump air aoigheachd aig a' Bhàn-righinn a-nochd aig dinnear stàite.
Thuirt Rùnaire nan Dùthchannan Cèine, Jeremy Hunt, gun toir Breatainn làn-aire dhan dragh a th' air na Stàitean Aonaichte mu bhith a' toirt àite dhan chompanaidh Shìonaich Huawei ann an togail lìonra 5G na Rìoghachd Aonaichte. Thuirt Mgr Hunt nach ann aig Washington a tha co-dhùnadh anns a' chùis, ach nach dèan Breatainn dad a nì cunnart dhan cho-obrachadh agus an dòigh sa bheil iad a' roinn fiosrachaidh mu thèarainteachd leis na Stàitean Aonaichte.
Thuirt am Ball-Pàrlamaid Tòraidheach, Ken Clarke, gu bheil uimhir de Thòraidhean a' seasamh airson ceannas a' phàrtaidh 's gu bheil cunnart ann gum bi an taghadh na chùis-mhagaidh. Tha 13 duine a' seasamh aig an ìre seo, agus dh'iarr Rùnaire nan Coimhearsnachdan, Seumas Brokenshire, air na tagraichean aig nach eil cus dòchais tarraing a-mach às an fharpais.
Tha an gille beag, seachd bliadhna de dh'aois, a thuit far rollercoaster aig Lightwater Valley ann an ceann a tuath Yorkshire an t-seachdain seo chaidh a' tighinn air adhart anns an ospadal. Tha e a-niste air chomas anail a tharraing gun chuideachadh an dèidh a dhroch ghoirteachadh anns an tachartas Diardaoin seo chaidh.
Peinnsean na Pàrlamaid
Tha buidheann thar-phàrtaidh aig Holyrood ag iarraidh air Pàrlamaid na h-Alba sgur a chur airgid an tasgadh ann an companaidhean aig a bheil gnothach ri connadh fosail. Tha a' chomataidh a' ceasnachadh stòras peinnsein na Pàrlamaid aig a bheil còrr is £1m an sàs ann an companaidhean ola, gas agus guail. Thuirt fear-labhairt na Pàrlamaid gu bheil urrasairean stòras a' pheinnsein a-niste a' toirt sùil air a' chùis.
Tha sochair ùr a' tòiseachadh an-diugh do theaghlaichean aig nach eil ach teachd-a-steach beag. Tha £250 de thaic ann do dhachannan anns a bheil leanabh aig aois airson tòiseachadh anns a' bhun-sgoil anns an Lùnastal. Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun deach an taic-airgid a stèidheachadh na phàirt de shiostam shochairean a' Chreideis Choitchinn.
Thòisich oidhirp theasairginn às ùr anns na h-Ìnnseachan airson ochdnar shreapadairean a chaidh a dhìth anns na Himalayas Dihaoine. Thuirt oifigich nach eil cus dùil ris a' bhuidhinn, anns a bheil ceathrar à Breatainn. 'S e Màrtainn Moran, sreapadair aig a bheil companaidh a tha stèidhichte air a' Ghàidhealtachd, a bha os cionn na buidhne.