Tubaist-rathaid an Inbhir Ìonaid

  • Air fhoillseachadh
Poileas Alba

Tha na Poilis a' sireadh fiosrachaidh bhon phoball mu thubaist rathaid a thachair tràth madainn Didòmhnaich air an A87 aig Inbhir Ìonaid ann an Cinn Tàile.

Bhuail bhana geal Vauxhall Vivaro ann an craoibh aig mu 00:40m.

Chaidh dithis fhireannach a thoirt a dh'Ospadal an Ath Leathainn san Eilean Sgitheanach.

Chaidh fear dhiubh an uairsin a ghluasad gu Ospadal Oilthigh na Bànrighinn Ealasaid an Glaschu, ged nach eil e ann an cunnart a bheatha.

Cha deach am fear eile a dhroch-ghoirteachadh.