Feum air croitean ùra

  • Air fhoillseachadh
Croit
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Caidreachas Croitearachd na h-Alba ag iarraidh gun tèid fearann a chomharrachadh airson chroitean ùra

Chuir Caidreachas Croitearachd na h-Alba fàilte air gealltanas Riaghaltas na h-Alba fearann a chur air dòigh airson tuathanasan ùra, ach tha iad ag ràdh gum feum fearann a bhith ann cuideachd airson chroitean ùra.

Thuirt Iar-Chathraiche a' Chaidreachais, Dòmhnall MacFhionghain, gur e deagh naidheachd a th' ann gu bheil Riaghaltas na h-Alba ag aithneachadh gu bheil feum air barrachd fearainn airson àiteachais, ach nach eil guth aca air croitean ùra.

Thog e cuideachd air an naidheachd gu bheil Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean a' cur romhpa Oighreachd Orboist anns an Eilean Sgitheanach a reic - 's dùil nuair a cheannaich iad i, ann an 1997, gun gabhadh croitean ùra a chruthachadh.

Air sgàth nan riaghailtean a bh' ann aig an àm, cha tàinig sin gu bith gu ìre mhòir, ach tha an Caidreachas ag iarraidh gun tèid coimhead ri sin a-rithist.

Tuilleadh air an sgeulachd seo

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh