Iomairt an aghaidh Lus na Clogaid
- Air fhoillseachadh

Planntraisean nach eil dùthchasach an seo, ach a th' air tighinn a-steach à dùthchannan eile agus air sgapadh.
Tha iad nan trioblaid, agus tha taic a' mhòr-shluaigh ga h-iarraidh airson smachd a chur orra.
Sin as coireach gu bheil Iomairt Ghnèithean Sgaoilteach na h-Alba (Scottish Invasive Species Intiative) a' cur Seachdain nan Saor-Thoileach gu feum.
Tha iad air fiosrachadh do shaor-thoilich a dhèanamh do luchd-labhairt na Gàidhlig cuideachd.
Tuiltean
Tha iad gu sònraichte ag amas air Lus na Clogaid (Himalayan Balsam) a tha na thrioblaid air feadh na Rìoghachd Aonaichte bho sgap e à Garraidhean Kew ann an Lunnainn tràth san 19mh Linn.
"'S e lusan gu math snog a th' annta, le flùraichean beaga geala is pince orra," thuirt Robyn Ireland, a tha ag obair do Dhualchas Nàdair na h-Alba, a tha a' cur taic ris a' phròiseact.
"Ach tha trì prìomh dhùbhlain ann leotha.
"Anns a' chiad dol-a-mach tha tòrr neactar orra - 's tha sin fhèin ceart gu leòr 's gu math tarraingeach dha na seileanan.
"Ach tha e a' ciallachadh gu bheil farpais ro mhòr ann eadar na lusan sin agus an fheadhainn dùthchasach againn.
"An dàrna rud 's e gum bi iad a' fàs cho àrd ri dà mheatar de dh'àirde, agus tha sin a' cur bacadh air solas a' faighinn a-steach dha na lusan eile a tha a' fàs timcheall orra, 's a' cur bacadh orrasan - an fheadhainn dùthchasach - bho a bhith a' fàs.
"An treas rud, bidh e gu math tric a' fàs air bruthaichean na h-aibhne, agus tha freumhaichean gu math goirid orra, agus anns a' Gheamhradh, nuair a bhios na bruthaichean lom, tha sin a' ciallachadh nach eil e a' toirt neart sam bith dhan bhruthach, agus tha cunnart ann an uairsin - no àrdachadh cunnairt ann - bho thuiltean.
Furasta
"Tha na freumhaichean goirid a' ciallachadh gu bheil e gu math furasta an spìonadh às an talamh, agus 's e obair reusanta furasta a th' ann do dhuine sam bith a dhèanamh.
"No faodaidh daoine a ghearradh le striomair. 'S e mìosan an t-Samhraidh as fheàrr airson sin a dhèanamh, agus thathar a' smaoineachadh nach mair an sìol beò anns an talamh ach 's dòcha bliadhna gu leth.
"Mar sin, le obair chunbhalaich a' cumail smachd air an lus, tha sin a' ciallachadh gun gabh cur às dhaibh taobh a-staigh dhà no trì bhliadhnaichean.
"Lorgar an lus seo air feadh na Rìoghachd Aonaichte, agus gu dearbha tha e a' fàs air feadh sgìre a' phròiseict againne - air a' Ghàidhealtachd, Moireibh, Siorrachd Obar Dheathain agus Taobh Tatha," thuirt i.