Radio nan Gàidheal 'Stèisean na Bliadhna'

  • Air fhoillseachadh
Sgioba Radio nan Gàidheal
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh an duais airson Stèisean na Bliadhna a thoirt do Radio nan Gàidheal.

Shoirbhich le BBC Radio nan Gàidheal aig Fèis nam Meadhanan Ceilteach am bliadhna, a chaidh a chumail anns an Aghaidh Mhòir.

Choisinn Rapal Prògram Ciùil Rèidio as Fheàrr airson a' phrògraim aca aig Belladrum an-uiridh, le Prògram Spòrs air an rèidio a' dol gu Spòrs na Seachdain.

"Tha seo a' ciallachadh an t-uabhas do sgioba Rapail, agus tha mi a' smaoineachadh ma bha duine sam bith eile san talla an-diugh, bha e gu math follaiseach nach robh sinn an dùil ris an duais a tha seo," thuirt Emma NicLaomainn, preasantair Rapail.

"'S e Rapal a fhuair an duais, ach tha seo a' dol dhachaigh gu sgioba Radio nan Gàidheal gu lèir," thuirt i.

Bha dà phrògram aithriseach aig BBC Radio nan Gàidheal cuideachd air a' gheàrr-liosta airson Prògram Aithriseach Rèidio a b' Fheàrr - Tormod: An Oiteag Uibhisteach, agus Frances, Ceum air Cheum.

Chaidh cuideachd am prògram telebhisein Sùlaisgeir - an t-Sealg, a chur air adhart airson duais an Fhìor-Shreath a b' Fheàrr.

A thuilleadh orra sin, chaidh Stèisean na Bliadhna a thoirt do Radio nan Gàidheal.

Thèid an fhèis a chumail ann an Quimper ann an ceann a tuath na Frainge an ath-bhliadhna.