Cupa na Cruinne

'S e deireadh-seachdain eachdraidheil a th' ann do bhall-coise nam ban ann an Alba is an sgioba nàiseanta gus cluich ann an Cupa na Cruinne 'son a' chiad uair.

Abair geama a th' aca airson gnothaichean a thòiseachadh cuideachd is iad a' dol an aghaidh Shasainn ann an Nice Didòmhnaich.

Chìthear an geama sin beò air BBC ALBA.

Tha am fear-naidheachd againn Ailean MacLeòid ann an Nice air thoiseach air a' gheama mhòr.