Bòrd na Gàidhlig gus £5m a thoirt seachad
- Air fhoillseachadh

Dh'fhoillsich Bòrd na Gàidhlig gun tèid còrr 's £5m a thoirt seachad do bhuidhnean a tha a' leasachadh na Gàidhlig tro fhoghlam, na h-ealain agus seirbheisean didsiteach.
Gheibh aona bhuidheann deug roinn den airgead thairis air trì bliadhna.
'S iad Comann na Gàidhlig a gheibh an t-suim as motha, £1.36m.
Thèid £930,000 gu Stòrlann Nàiseanta na Gàidhlig agus gheibh Comhairle nan Leabhraichean £537,000.
Agallamh le Cathraiche Eadar-Amail Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais.
Tha £430,000 a' dol gu Fèisean nan Gàidheal is £300,000 dhan Chomunn Ghàidhealach.
'S e seo a' chiad uair a bhios taic air a toirt seachad thairis air trì bliadhna seach bliadhna mar a bh' ann thuige seo.
"Rinn sinn seo a thaobh 's gu bheil sinn tuigseach air cho doirbh 's a tha e mura h-eil agad ach maoin bho bhiadhna gu bliadhna", thuirt cathraiche eadar-amail Bhòrd na Gàidhlig, Màiri NicAonghais.
"Tha e fìor dhuilich dha na buidheannan, gu h-àraidh nuair a tha iad aig ìre far a bheil iad a' fasdadh luchd-obrach, far a bheil iad a' coimhead air pròiseactan a tha nas fhaide na bliadhna gu bliadhna, agus tha buidheannan an sin gu h-àraid cudromach a thaobh cur ris an eaconomaidh Ghàidhlig air feadh na dùthcha air fad.
Beachd bho Mhuireann Kelly, Stiùiriche Ealain Theatre Gu Leòr.
"Tha sinn air a bhith ann an còmraidhean riutha airson taic a chur riutha is gu bheil iad fhèin a' tuigsinn gu bheil iad ann an suidheachadh nas treasa a-nise. Tha e a' toirt cofhurtachd dhaibh tha mi a' smaointinn", thuirt i.
Fhuair a' chompanaidh dràma Theatre gu Leòr taic 'son a' chiad turas is £165,000 a' dol thuca.
Thuirt a' bhuidheann gu bheil seo a' leigeil leotha dachaigh a stèidheachadh dhaibh fhèin ann am Partaig, am measg eile.
Gheibhear liosta de na buidhnean a fhuair taic an seo, taobh a-muigh