Docherty ag amas air tiotal na cruinne

  • Air fhoillseachadh
John DochertyTùs an deilbh, SNS

Tha bocsair òg às Inbhir Nis ag ràdh gu bheil fios aige gun urrainn dha tiotal na cruinne a bhuannachadh.

Bidh John Docherty, 21, a' sabaid aig ìre super middleweight.

Ghluais e gu ìre phroifeiseanta an-uiridh às dèidh dha bonn umha a choisinn aig Geamaichean a' Cho-Fhlaitheis.

Bhon uairsin tha Docherty air na còig sabaidean a bh' aige a bhuannachadh is gach duine a bha na aghaidh fhàgail air a' chanabhas.

"Tha fiosam le na comasan a th' agam, is chan eil mi mòr asam fhìn le a bhith ag ràdh seo, gun urrainn dhomh tiotal na cruinne a bhuannachadh", thuirt Docherty.

Eòlas

"Tha fiosam gu bheil mi math gu leòr an-dràsta airson tiotal Bhreatainn a bhuannachadh, ach tha sin an urra ris an sgioba-stiùiridh agam. Shaoilinn gun canadh iadsan toiseach na h-ath-bhliadhna airson sin, ach dhèanainn e an-dràsta fhèin", thuirt e.

Tha Docherty air gluasad gu Essex far am bi a' trèanadh san dearbh gym ri Ricky Burns - Albannach eile a ràinig àrd-ìre san spòrs.

Thuirt Docherty gu bheil Burns ga chuideachadh gu mòr.

"Tha e cho math Ricky a bhith a' trèanadh comhla rium. Tha e 36, ach bidh e a' trèanadh mar fhear a tha 20", thuirt Docherty.

"Tha e an còmhnaidh a' toirt dhomh deagh chomhairle", thuirt e.