Deasbad Iasgaich mu Ròcabarraigh
- Air fhoillseachadh

Tha còmhraidhean a' leantainn mu chòraichean Iasgaich anns a' Chuan Shiar mu sgeir Ròcabarraigh.
Thug Riaghaltas na h-Alba rabhadh do dh'iasgairean Èireanach gun a bhith ag iasgach sna h-uisgeachan mu thimcheall Ròcabarraigh.
Thog BPA nan Eilean Siar ann am Pàrlamaid na h-Alba, Alasdair Allan, a' chùis aig Holyrood.
Dh'innis e cho sònraichte 's a tha na h-uisgeachan mu thimcheall na sgeire do dh'iasgairean nan eilean.
Thuirt Riaghaltas na h-Alba gun tigeadh còraichean iasgaich na dùthcha a dhìon.
Raoin
Tha raon uisgeachan na h-Alba a' cuairteachadh dusan mìle mun sgeir, a tha mu 250 mìle far chosta nan Eilean Siar.
Tha na h-Èireannaich ag ràdh gur e uisgeachan an Aonaidh Eòrpach a th' annta agus gu bheil làn chòir aca a bhith ag iasgach an sin.
Thuirt Taoiseach na h-Èirinn, Leo Varadkar gu bheil an raon mu Ròcabarraigh na phàirt de h-uisgeachan an Aonaidh Eòrpaich.
"Tha mi a' smaointinn gum bu chòir co-roinn a dhèanamh air na raointean iasgaich", thuirt e ann an Dàil na h-Èirinn.
"Mar phàirt de Phoileasaidh Coitcheann an Iasgaich, tha sinn den bheachd gu bheil còir aig na h-iasgairean againn cumail orra ag iasgach san raon seo mu Ròcabarraigh.
"Cha bu chòir do dh'Eirinn is Alba a bhith a' sabaid mu dheidhinn", thuirt e.
Luach
Dh'innis Rùnaire a' Chultair, na Turasachd is Chùisean Taoibh A-muigh, Fiona Hyslop, gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur luach air a' chàirdeas a th' aca le Èirinn.
Tha an àireamh de bhataichean Èireannach anns na h-uisgeachan mu Ròcabarraigh air a dhol am mheud thar nam bliadhnaichean.
'S e raon luachmhor a th' ann airson iasgairean le grùnn sheòrsaichean èisg ri fhaotainn ann.
Cumaidh còmhraidhean a' dol eadar oifigich bhon dà thaobh anns na làithean a tha romhainn.