Eus-aonta mu ghoilf air an t-Sàbaid an Steòrnabhagh

  • Air fhoillseachadh
Ball goilf agus camanTùs an deilbh, Getty Images

Tha cunnart ann gun caill Cluba Goilf Steòrnabhaigh an raon mura h-aontaich iad ri casg air cluiche na spòrs air an t-Sàbaid.

Tha casg air a bhith air cluiche air an t-Sàbaid fad bhliadhnaichean mòra, ach tha an cluba airson sin atharrachadh.

Tha an t-aonta eadar iad agus Urras Steòrnabhaigh, leis a bheil an talamh, a' tighinn gu crìch agus tha an t-uachdaran ag iarraidh gealltanais aon uair eile nach ceadaich iad cluiche air an t-Sàbaid.

'S e argamaid a' chluba, ge-tà, gu bheil an leithid thaighean-seinnse agus àiteachan bìdhe fosgailte air an t-Sàbaid agus gu bheil còmhdhail air ais agus air adhart a-nis ri fhaotainn seachd là san t-seachdain, agus gum bu chòir cothrom a bhith aca-san air fosgladh air an t-Sàbaid.

Aig a' choinneimh bhliadhnail aca an-uiridh bhòt buill a' chluba gu h-aona-ghuthach son cluiche goilf air an t-Sàbaid.

Tha Urras Steòrnabhaigh, leis a bheil an talamh far a bheil an cùrsa sa Ghearraidh Chruaidh, airson cùisean fhàgail mar a bha.

Tha còmhraidhean air a bhith a' dol mu aonta ùr fad bliadhna ach chan eil e coltach gu bheil an t-Urras a' dol a ghèilleadh air ceist cluiche na Sàbaid.

Aig coinneamh an Urrais air a' mhìos sa chaidh dh'aontaich Urrasairean luchd-lagha fhastadh airson brath a chur chun a' chluba gun tèid cur às do dh'aonta sam bith a th'air a bhith ann mura gabh iad ris an aonta ùr.

Thuirt Siamarlan an Urrais, Iain MacIomhair, gu feumadh an cluba thighinn gu aonta ro dheireadh na bliadhna neo gun tòisicheadh an t-urras beachdachadh air a' chùrsa a chur gu feum ann an dòigh air choireigin eile.

Cha robh duine bho Chluba Goilf Steòrnabhaigh airson càil a ràdh aig an ìre-sa.