Rannsachadh ùr sa Chuan Shiar

  • Air fhoillseachadh
Luchd-rannsachaidh gu bhith a' sgrùdadh fon mhuir sa Chuan ShiarTùs an deilbh, University of Edinburgh
Fo-thiotal an deilbh,

Luchd-rannsachaidh gu bhith a' sgrùdadh fon mhuir sa Chuan Shiar

Tha sgrùdadh ùr air tòiseachadh a sheallas air slàinte a' Chuain Shiar thairis air ceithir bliadhna.

'S e pròiseict eadar-nàiseanta a th' ann le taic airgid a' tighinn bhon EU, agus luchd-sgrùdaidh bho Oilthigh Dhùn Èideann aig an stiùir.

Coimheadaidh luchd-rannsachaidh air a' bhuaidh a tha blàthachadh na cruinne a' toirt air beathaichean agus lusan a tha bèo anns a' chuan, bho ghrunnd gu bàrr na mara.

Tha 30 buidheann an-sàs anns an sgrùdadh agus coimheadaidh iad air dusan sgìre sa chuan bho thuath gu deas, a' cleachdadh innealan mar bàtaichean-aigeinn ròbot

Thèid mapa digiteach a chruthachadh de na beathaichean a tha fuireach sa chuan agus an àrainneachd anns a bheil iad.

Bheir am fiosrachadh stiùir do riaghaltasan a thaobh a bhith a' beachdadhadh air dè seòrsa leasachadh a tha freagarrach agus seasmhach airson a' chuain.

A' fullaing

A-measg nan sgìrean a thèid a sgrùdadh tha riof Mhiughalaidh sa Chuan Sgìth a bharrachd air oitir meadhain a' chuain far Innis Tìle, agus a' Mhuir Sargasso.

Thuirt am fear a tha os cionn na pròiseict à Oilthigh Dhùn Èideann, An t-Ollamh Murray Roberts, gu bheil an cuan a fulang ionnsaigh bho thrì thaobhan.

"Mar a tha i a' fàs nas blaithe, tha an t-uisge a' fàs nas searbhagach agus ann an cuid a sgìrean tha i a' ruith a-mach a anail", thuirt e.

"Tha a' Chuan Siar, mar iomadh uisge eile a call ogsaidean a tha feumail airson beatha.

"'S e blàthachadh na gnàth-shìde as coireach, le na cuantan a sùghadh 90% de bhlàthachadh na cruinne.

"Bidh sinn a' coimhead air a h-uile pàirt de bheatha fon uisge. Bidh sinn a' coimhead air mucan-mhara, bidh sinn a' coimhead air plancton, bidh sinn a' coimhead air corail", thuirt e.

"Agus bidh sinn a' coimhead air mar a tha nàdar a' chuain ag atharrachadh.

"Tuigidh sinn an uairsin far a bheil atharraichean a' tachairt agus far am bi e buailteach trioblaidean fhaicinn san àm ri teachd agus am fiosrachadh a tha sin a thoirt do riaghaltasan", thuirt e.

Cudthromach

Chithear san lab ann an Dùn Èideann na chaidh a thogail le camara de riof chorailean Mhiughalaidh agus chaidh deagh fhiosrachadh a chruinneachadh an seo mu thràth le innealan sònar.

Tha an Dotair Laurence De Clippele, tè eile bho Oilthigh Dhùn Èideann a tha ag obair air a' phròiseict, ag ràdh gur e fìor dhroch naidheachd a bhios ann dhan riof mu dh'èireas ìre shearbhagach a' chuain oir gum bi e buailteach gun leagh cuid dhen chorail.

"Tha na riofan glè chudthromach is iad a' toirt dachaigh do dh'iomadh beathach", thuirt i.

"Agus tha cuid dhiubh cudthromach dhan eaconomaidh, oir tha iad a' dèanamh suas pàirt de ur biadh."

Tha luchd-obrach bho Chomann Saidheans Mara na h-Alba (SAMS), faisg air an Òban, cuideachd ag obair air a' phròiseict.