Naidheachdan 11:00m
Tha Andrea Leadsom, a bha na tagraiche, a' cur a taic a-nis ri Boris Johnson airson ceannas a' Phàrtaidh Thòraidhich. Tha buill-phàrlamaid Thòraidh a' bhòtadh feasgar anns an dàrna cuairt den taghadh airson àite Theresa May a ghabhail. Tha sianar air fhàgail san rèis agus thèid b' e cò bhios san àite mu dheireadh, neo nach fhaigh trì bhòtaichean deug thar fichead an-diugh, a chur a-mach às an fharpais.
Thuirt Ceann-suidhe Iorain, Hassan Rouhani, nach tèid e gu cogadh le dùthaich sam bith a dh'aindheoin an eas-aonta eadar Ioran agus na Stàitean Aonaichte. Tha na h-Aimeireaganaich a' cur mìle saighdear eile dhan Ear Mheadhanach agus Washington ag ràdh gu bheil feachdan Iranianach ri dol-a-mach 'nàimhdeil'.
Dh'iarr ceannard Hong Kong, Carrie Lam, a lethsgeul a ghabhail airson mar a làimshich i a' chùis a phiobraich caismeachdan mòra agus àimhreit air sràidean na sgìre. Thuirt i an-diugh gun tèid maill air a' bhile, fom biodh e na b' fhasa daoine a chur gu cùirt air mòr-thìr Shìona, gus an tèid dèiligeadh ris an dragh a th' ann mu dheidhinn. Tha luchd-iomairt ag iarraidh oirre a dreuchd fhàgail.
Chaidh na planaichean connspaideach 'son an treas raon-laighe a thogail aig Heathrow ro 2026 a chur a-mach gu co-chomhairle phoblach. Tha plana deich bliadhna fichead aig a' phort-adhair fon deidheadh pàirt de rathad an M25 a chur air slighe eile tro thunail. Tha luchd iomairt ag ràdh gun dèanadh an leasachadh truailleadh air an àrainneachd agus cus fuaim.
Tha luchd iomairt os leth na h-àrainneachd a' togail fianais aig Pàrlamaid na h-Alba. Tha poilis a' cumail smachd an-dràsta air feadhainn den bhuidhinn Extinction Rebellion agus buill-phàrlamaid a' beachadachadh an-diugh air Bile na Gnàth Aimsir a tha ag amas air gasaichean mìllteach a ghearradh.
Tha luchd-iomairt aig Pàrlamaid na h-Alba an-diugh le rabhadh gu bheil a' Ghàidhlig ann an èiginn, gu h-àraid anns na sgìrean dham boin an cànan. Tha a' bhuidheann iomairt Misneachd aig Holyrood le còig prìomh mholaidhean do Bhuidheann Thar-Phàrtaidh na Gàidhlig. Tha iad ag ràdh gur e a' chiad cheum gun aidich an Riaghaltas agus buidhnean na Gàidhlig gu bheil an cànan ann an staing agus tha iad a' moladh tuilleadh taic-airgid, obraichean Gàidhlig a ghluasad dha na h-eileanan agus achd ùr le coimiseanair cànain.
Tha eòlaichean teagmhach an e Cataibh an t-àite as fheàrr airson port-fànais mòr. Thuirt Buidheann Fànais na Rìoghachd Aonaichte an-uiridh gur e Rubha na Mòine an t-àite as fheàrr airson saidealan a chur dha na speuran, ach tha sin ga cheasnachadh aig co-labhairt ann an Inbhir Nis an-diugh. Tha na h-eòlaicheann a' faighneachd carson a 's e Cataibh a chaidh a thaghadh seach Uibhist neo Sealtainn, nuair nach eil bun-structar freagarrach ann.