Plana gus an t-Òban a dhìon bho thuiltean
- Air fhoillseachadh

Bha droch thuiltean anns an Òban an-uiridh
Gheibh am mòr-shluagh a-mach mu phlanaichean airson an t-Òban a dhìon bho thuiltean.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh às dèidh mar a chaidh togalaichean a mhilleadh anns an Dàmhair an-uiridh.
Gheibh daoine a-mach mu na planaichean aig Tallaichean a' Chorrain Diardaoin.
Chaidh modalan a dhèanamh a' sealltainn far am faodadh tuiltean a bhith agus chaidh clàran a dhèanamh a' sealltainn àiteachan a th' ann an cunnart.
Thuirt an Comhairliche Ruairidh MacCuthais, Ceannard Poileasaidh airson Ròidean agus Seirbheisean aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid: "Tha gnìomhachasan agus taighean anns an sgìre a tha builteach tuiltean fhulaing - feumaidh rudeigin a bhith air a dhèanamh."