Bratach Chòirichean a' Chinne Daona

An t-seachdainn seo tha 70 bliadhna ann bho chaidh an Dearbhadh Coitcheann air Còirichean a' Chinne Daona fhoillseachadh.

Tha 150 buidheann air feadh Bhreatainn an sàs ann an diofar thachartasan 'son seo a chomharrachadh.

Nam measg, tha Atlas Arts san Eilean Sgitheanach, agus chuir iadsan bratach sònraichte an-àirde aig Sgoire Breac ri taobh Phort Rìgh, air a dhealbhachadh leis an fhear-strì Ai Weiwei, airson aire a tharraing gu suidheachaidhean far a bheil còirichean daona ann an cunnart.

Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.