Comann Eachdraidh airson sgìre Thròndairnis?
Chualar aig coinneimh ann an Stafainn gu feumar tòiseachadh gu sgiobalta a' cruinneachadh eachdraidh teaghlaichean an àite, fhad 's a tha daoine fhathast air fhàgail aig a bheil fios.
Chumar a' choinneamh gus bruidhinn air comann eachdraidh a stèidheachadh ann an sgìre Thròndairnis.
Thug dithis bho Chomann Eachdraidh Nis ann an Leòdhas stiùireadh dhaibh air an t-slighe air adhart.
Tha an aithris seo aig Alasdair MacLeòid.