Co-labhairt 'permaculture' san Eilean Sgitheanach
Chuala co-labhairt san Eilean Sgitheanaich aig an deireadh sheachdain mu na dòighean far an urrainn do mhac an duine a bhith tighinn beò gun a bhith dèanamh cron air an àrainneachd. A bharrachd air seiseanan air croitearachd agus blàthachadh na cruinne, bha comhairle ann cuideachd air àite na Gàidhlig san àrainneachd agus air fiu's còmhradh nan eun, mar a tha Alasdair MacLeòid ag aithris.