Iarrtas airson mòr-ionad coimhearsnachd san Ath Leathann
- Air fhoillseachadh

Tha Comhairle Coimhearsnachd an Ath Leathainn agus an t-Srath a' moladh gum bi an leithid leabharlann agus talla-baile ùr air an aon làraich ri bun-sgoil ùr.
Tha iomairt air a bhith a' dol bho chionn bhliadhnaichean airson bun-sgoil ùir agus dragh ann mun staid anns a bheil an tè a th' ann.
Tha gach buidheann san sgìre air thighinn còmhla airson bun-sgoil ùr a chur air adhart, agus tha còmhraidhean a' dol eadar muinntir an àite agus Comhairle na Gàidhealtachd a thaobh càite am bu chòir dhi a bhith air a togail.
A bharrachd air an sgoil fhèin, tha iad ag iarraidh mòr-ionad coimhearsnachd a stèidheachadh far am bi oifisean comhairle, talla agus leabharlann uile còmhla.
Suidheachadh doirbh
Tha Hamish Friseal na chathraiche air Comhairle Coimhearsnachd an Ath Leathainn agus an t-Srath, agus tha esan ag ràdh gum biodh na tha iad a' moladh a' tighinn a-rèir poileasaidh Riaghaltas na h-Alba.
"Tha sin am measg na tha an riaghaltas ag iarraidh gum bi còmhla ri sgoiltean, gu bheil a h-uile rud còmhla agus gu bheil a' choimhearsnachd air fad a' faighinn adhbhar a bhith a' faighinn a h-uile rud air an aon làraich - foghlam agus seirbheisean."
Tha Mgr Friseal ag ràdh gu bheil iomadach duine air thighinn a dh'fhaicinn staid na sgoile agus ag aontachadh leotha gu bheil an suidheachadh doirbh.
Tha e a' cumail a-mach gu bheil an droch staid anns a bheil i a' toirt droch buaidh air slàinte na cloinne, gu h-àraid an fheadhainn air a bheil a' chuing.
"Feumaidh rudeigin a bhith air a dhèanamh timcheall air làraich na sgoile, a' chlann a tha ann agus ciamar a thathar a' dol a dhèanamh farsaingeachd air an sin agus 's e an aon rud a dhèanamh 's e sgoil ùr o chionn 's gu bheil an sgoil a tha sin, tha i tinn agus chan eil i math dhan sgìre a tha seo," thuirt e.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh23 Am Faoilleach 2018
