Lorgadh an steàrnag a bu shine riamh an Alba
- Air fhoillseachadh

Tha dearbhadh ann gur i steàrnag Artaig mharbh a fhuaireadh aig Tèarmann Nàdair Fhoirbhidh ann an Siorrachd Obair Dheathain an tè a b'aosda a-riamh am Breatainn a chaidh a chlàradh.
Chaidh fàinne a chur mu chois an eòin ann an Sgìre Aonghais agus dhearbh sin gu robh e 32 bliadhna de dh'aois nuair a bhàsaich e.
Anns a chumantas chan eil stèarnagan Artaig a' maireachdainn ach 13 bliadhna a-mhàin.
Bha an tè a bu shine a lorgadh ron sin air an deach fàinne a chur 30 bliadhna de dh' aois.

Eòin iogntach
Tha steàrnagan Artaig a' siubhail nas fhaide a h-uile bliadhna na beathach sam bith eile cho fada agus is fiosrach leinn.
Bidh iad a' siubhal bho shamhradh fìor cheann a deas an t-saoghail gu samhradh san fhìor cheann a tuath, suas ri 44,000 mìle sa bhliadhna.
'S e Daryl Short, Oifigeach Tèarmann Fhoirbhidh, a fhuair lorg air an eun.
"Tha e mìorbhaileach a bhith a' smaoineachadh gun deach an t-eun seo cho fada ris a' gheallaich agus air ais, agus an nuairisn air ais chun na geallaich a-rithist agus air ais dhachaigh.

"'S e beathaichean iongntach a th' ann an steàrnagan Artaig.
"Tha na h-eòin a' dìon nan iseanan aca ann am Foirbhidh agus pàircean nàdair eile air feadh na dùthcha an-dràsta agus chan eil càil de leisg orra do bhualadh sa cheann ma thèid thu ro fhaisg air na neadan aca.
"Gu mì-fhortanach dhaibhsan, ge-tà, bidh a leithid fhaoileagan agus chlamhan ag amas orrasan. Mar sin dheth, bha e fortanach gun tàinig an t-eun seo beò cho fada."
Bidh an steàrnag seo air a' chùis a dhèanamh air eòin-chreachaidh agus beathaichean eile a tha cunnartach dhaibh, stoirmean agus dìth bìdhe agus thathar a' tomhas gum biodh suas ri leth cheud isean air a bhith aige.
Tha e coltach gun deach e gu barrachd dhùthchannan, agus nas trice, na chaidh duine riamh, a' siubhal còrr math air milean mìle na bheatha iogntach.